Dragh mu Ospadal Ghallaibh

Inbhir Uige Image copyright BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Image caption Tha e air faileachadh air NHS na Gàidhealtachd na dh'fheumas iad de luchd-obrach fhastadh

Tha ball-pàrlamaid Albannach ag ràdh gur ann a bu chòir leudachadh a thighinn air seirbheisean ann an Ospadal Ghallaibh, seach lùghdachadh.

Choinnich Rob Gibson, a tha a' riochdachadh na sgìre, ri Rùnaire na Slàinte Shona Robison aig deireadh na seachdainn sa chaidh 's dragh air mu lùghdachadh ann an seirbheisean lannsaireachd anns an ospadal.

Chan eil obair-lannsa èiginneach a' dol air adhart anns an ospadal air an oidhche neo air an deireadh-sheachdain air sgàth gainnead luchd-obrach.

Feumar cuid de dh'euslaintich a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ann an suidheachaidhean èiginneach.

Tha ceannardan NHS na Gàidhealtachd ag ràdh ge-tà nach ann ag amas air cur às de sheirbheisean lannsaireachd ann an Ospadal Ghallaibh a bha iad agus gu bheil iad a' coimhead ri dòighean eile anns an gabh seirbheis lannsaireachd, ceithir uairean fichead san là, a thoirt seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile