Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

22 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Chuir daoine a dh'fhulaing droch-dhìol mar chloinn fàilte air comharran gu bheil Rùnaire na Dùthcha a' dol a thoirt sùil às ùr air an rannsachadh mu dhroch-dhìol eachdraidheil. Chuir Theresa May litir gu grunn eòlaichean a tha a' cumail sùil air an sgrùdadh ag ràdh gum faodadh gun tèid an cuir às an cuid dhreuchdan. Dh'fhaodadh gun tèid cumhachdan a bharrachd a thoirt seachad a' cur ìmpidh air daoine fianais a thoirt seachad sa chùis.

Taser

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an Staffordshire, an dèidh mar a chaidh losgadh air le gunna-taser le na polais. Bha na polais a' dèiligeadh le iomairt-meairle aig taigh ann an Newcastle-under-Lyme nuair a loisg iad air an fhireannach. Chaidh e gun mhothachadh agus bhàsaich e goirid an dèidh sin. Chaidh a' chùis a chuir a-nis gu Coimisean Neo-eismeileach nan Gearainean Poilis.

Rangers

Tha Coinneamh Bhliadhnail Rangers air tòiseachadh aig Ibrox, agus bòrd-stiùiridh a' chlub am beachd cothrom eile a thoirt do dhaoine earrainnean a cheannach sa chlub. Chaidh an gluasad seo - a tha ag amas air a' chlub a chuir air stèidh nas fheàrr a thaobh ionmhais - fhoillseachadh an-diugh chun nam margaidhean. Tha seo uile a' tighinn agus dearbhadh ann gu bheil Ally McCoist air a' club fhagail - ach air làn phàigheadh gu deireadh a' chùmhnant aige leis an leas-mhanaidsear, Kenny McDowall, os cionn chùisean fhad 's a thèid manaidsear ùr a lorg.

Tuiltean

B'fheudar cobhair a dhèanamh air còir is deich thar fhichead neach aig mòr-bhùth ann an Cille Mheàrnaig, an dèidh mar a chuir Abhainn Irbhinn thairis a bruaichean. Thug an tuil buaidh air bùth Asda air Queen's Drive sa bhaile. Tha na Seirbheisean Eiridinn air a bhith ag obair tron oidhche a' dèiligeadh le grunn thubaistean an dèidh uisge trom tron oidhche ann an Siorrachd Adhair.

Iomairt-teasairginn

Aig a' cheart àm tha iomairt a' leantainn air Abhainn Nid ann an Dùn Phris, an dèidh aithrisean gun deach fireannach dhan bhùrn faisg air Club-Iomraidh Nithsdale. Chaidh fios a chuir chun nan seirbheisean eiridinn tràth madainn an-diugh, agus tha heileacoptair bhon Chabhlach Rìoghail a-measg na th' air a bhith an lùib na h-iomairt-sgrudaidh.

Tubaist

'S chaidh boireannach a mharbhadh an dèidh tubaist rathaid tràth madainn an-diugh ann an Siorrachd Dhùn Phris. Bhuail car ann an làraidh - air an t-slighe gu tuath dhan M74 - eadar cinn-rathaid 20 agus 19, mu chairteal gu sia.

Foill

Theid piuthair Rìgh na Spàinn a thoirt gu lagh ann an co-cheangal ri casaidean foill chìsean. Tha am bana-phrionnsa Cristina de Borbon fo sgrudadh mar phàirt de rannsachadh nas fhairsainge air gnothaichean-ionmhais an duine aice a tha fo chasaid a bhith a' goid airgid-phoblaich tro fhoill. Tha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean