Eileanan Earra-Ghàidheal às aonais siognal fòn-làimhe

Suaicheantas Vodafone
Image caption Tha daoine air a bhith às aonais siognal fòn-làimhe bho Vodafone airson faisg air cola-deug.

Tha a' chuid as motha de dh'eileanan Earra-Ghàidheal air a bhith às aonais siognal fòn-làimhe bho Vodafone airson timcheall air cola-deug a-nis.

A rèir na companaidh, tha trioblaid le siostam BT ann am Muile air buaidh a thoirt air an t-seirbheis aca-san ann an Ìle, Colbhasa, Colla agus Tiriodh.

Bha luchd-einnsinnìridh bho BhT ann bho chionn ghoirid, ach cha deach aca air an trioblaid a chàradh.

Buaidh mhòr

Thuirt Rhoda Meek a tha a' fuireach ann an Tiriodh gu bheil dìth siognal air a bhith na thrioblaid mhòr do mhuinntir an eilein sin.

"Tha seo a' dol a thoirt buaidh mhòr air eileanan beaga mar a tha sinn fhìn ann an Tiriodh - tha buaidh ann do ghnìomhachasan a tha a' cleachdadh fònaichean làimhe airson a bhith a' bruidhinn ri chèile .. daoine a tha ag obair ann an seirbheisean sòisealta, chan urrainn do dhaoine greim fhaighinn orra".

Thuirt i cuideachd gu bheil tòrr dhaoine air a bhith a' fònadh gu Vodafone airson innse dhaibh mun trioblaid, ach gun deach innse dhaibh an toiseach nach robh càil ceàrr.

Chan eil e gu diofar le muinntir an eilein, thuirt i, an e Vodafone neo BT a bu choireach, cho fad 's gun tèid an trioblaid a chur ceart.

A thuilleadh air a bhith às aonais siognal fòn-làimhe, tha muinntir Thiriodh cuideachd a' call airgid leis gun deach crann-gaoithe an eilein, air a bheil an t-ainm Tilly, sìos anns an aon stoirm 's a thug buaidh air siognal nam fònaichean-làimhe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile