Cead dealbhachaidh ga thoirt son leasachadh a' Ghearasdain

  • Air fhoillseachadh
Meadhan a' GhearasdainTùs an deilbh, BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Fo-thiotal an deilbh,
Bha 1000 air taic a chur ris an leasachadh air athchuinge.

Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt do phàirce-bhùthan ùr air iomall a' Ghearasdain.

Tha luach £10m anns an leasachadh a bhitheas suidhichte air an A82, faisg air leaghadair Rio Tinto.

'S e a' chompanaidh Morbaine a th' air cùl nam planaichean anns am bith bùth-mhòr aig Aldi, bùth Home Bargains a thuilleadh air dà aonad eile anns gabhadh bùthan a chuir.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gun cruthaicheadh an leasachadh suas ri 140 cosnadh.

Bha dragh air oifigearan na comhairle ge-tà gur ann a dh'fhulaingeadh meadhan a' bhaile nach deadh an leasachadh air adhart.

Chuir còrr is 1,000 duine an ainmean ri ath-chuinge a bha a' cur taic ri na planaichean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh