Urras Energy air cha mhòr £400,000 a thogail

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Urras Energy air cha mhòr £400,000 a thogail

Tha a' chompanaidh choimhearsnachd, Urras Energy, air faisg air £400,000 a thogail tro bhith a' reic earrannan airson dà chrann-gaoithe eile a thogail ann am Baile an Truiseil ann an Leòdhas.

Stèidhich a' chompanaidh a' chiad chrann-gaoithe aca ann an 2013, ach tha iad airson sin a leudachadh gu trì.

Dh'iarradh iad suas ri £600,000 a thogail tro bhith a' reic earrrannan, gus nach bi aca ri uidhir a dh'airgead a ghabhail air iasad bho na bancaichean.

"Misneachail"

Thuirt tè de stiùiricheanna companaidh, Agnes Rennie, gu bheil iad gu math dòchasach gun tog iad na dh'iarradh iad de dh'airgead.

"A' coimhead a-nise mar a tha daoine, chan ann a-mhàin a' ceannach ach cuideachd daoine mar-thà air a bhith a' faighneachd ciamar as urrainn dhaibh ceannach, tha dòchas math againn gun tèid e co-dhiù seachad air an amas as ìsle", thuirt i.

Thuirt i nach ann a-mhàin mu dheidhinn airgid a tha am pròiseact ach gur e cothrom a th' ann do dhaoine aig a bheil ùidh ann an cumhachd ath-nuadhachail a dhol an sàs ann.