Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

23 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist

Tha Polais na h-Alba air an tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhan fhollais mun tubaist an-dè ann am meadhan baile Ghlaschu a thug bàs do shianar. Chaidh còignear bhoireannach agus fireannach a mharbhadh nuair a chaidh làraidh-sgudail far an rathaid aig Sraid na Ban Rìgh sa bhaile. Chaidh deichnear eile a ghoirteachadh - dràibhear na làraidh nam measg - le sianar dhuibh sin fhathast anns an ospadal agus dithis dhiubh ann an ionadan-dlùth chùraim. Tha na polais ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair a dhol thuca - gu h-àraidh ma tha dealbhan neo bhideo aca dhan chùis. Rinn Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a-measg eile moladh air mar a tha na seirbheisean èiginn air dèiligeadh le na thachair.

Èirinn a Tuath

Ann an naidheachdan eile an-diugh- tha luchd-poileataigs ann an Èirinn a Tuath glaiste ann an còmhraidhean 's iad a' feuchainn ri aonta a ruighinn air grunn chuspairean ceangailte ri fèin-riaghladh san sgìre. Thòisich còmhraidhean an-dè, agus lean iad tron oidhche. Chaidh ceann-ùine a chuir air na còmhraidhean le Rùnaire Èirinn a Tuath, Theresa Villers, de mhadainn an-diugh - an dèidh deich seachdainnean gun aonta air leithid brataich, caismeachdan agus eile.

Ugràin

Bhòt Pàrlamaid na h-Ugràin airson obrachadh a dh'ionnsaigh ballrachd fhaighinn sa bhuidhinn NATO. Chaidh am bhòt troimhe le mòr-chuid - agus tha dùil gun cuir an gluasad às ùr an caothach air an Ruis - nach eil airson 's gum bi an Ugràin na ball de NATO neo an t-aonadh Eòrpach.

An Gearasdan

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach cead-dealbhachaidh a dhiùltadh nas fhaide dhan an là - do phròiseact anns a bheil luach deich millean not - airson bùthan a thogail air iomall a' Ghearasdain. Tha planaichean aig a' chompanaidh Morbaine airson bùthan-bìdhe is eile air Rathad a' Tuath - faisg air leaghadair na companaidh Rio Tinto. Tha a' chompanaidh a' cumail a-mach gum biodh suas ri 140 cosnadh a' lùib a' phròiseict.

Corea a Tuath

Chaidh cuid de sheirbheisean air-loidhne a thilleadh do Chorea a Tuath - an dèidh greis fhad 's a bha an dùthaich às an aonais. Chaidh deach càil a ràdh le Pyongyang, ach tha eòlaichean às na Stàitean air a bhith a' cumail sùil air cùisean, 's iad ag ràdh gun deach stad a chuir air na ceanglaichean eadar-lìn air fad ann an Corea a Tuath son greis. Tha seo a' tighinn agus an dùthaich a' tighinn fon phrosbaig a thaobh iomairt-creachaidh air compiutarean na companaidh Sony.

Vodafone

Tha a' chuid as motha de dh'eileanan Earra-Ghàidheal air a bhith às aonais siognal fòn-làimhe bho Vodafone airson timcheall air ceala-deug a-nis. A-rèir na companaidh, tha trioblaid aig siostam a tha le BT ann am Muile a' toirt buaidh air Ile, Colbhasa, Colla agus Tiriodh. Bha luchd-ensineeridh bho BhT an làthair bho chionn ghoirid, ach cha deach aca air an trioblaid a chàradh - chun na h-ìre-sa co-dhiù.