Luaidh ga dhèanamh air comhairliche

Kenny Murray Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Bha Coinneach Moireach 64 bliadhna a dh'aois.

Tha luaidh ga dhèanamh air fear de chomhairlichean sgìre An Taobh Siar agus Nis, Coinneach Moireach, a chaochail Dimàirt.

Bha Mgr Moireach 64.

Rugadh is thogadh e ann an Siabost agus bha a theaghlach a' riuth na muilne clò sa bhaile fad ghinealaichean.

Bha Coinneach fhèin na stìuiriche air a' mhuillin 'son 37 bliadhna.

Chaidh a thaghadh mar chomhairliche dha sgìre an Taobh Siar agus Nis ann an 2007 agus fhuair e staigh a-rithist bho chionn dà bhliadhna.

Bha e na chathraiche air Comataidh na h-Àrainneachd agus Seirbheisean Dìon na Comhairle bhon uair sin.

Thuirt Fear Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gur e deagh dhuine a bh'ann an Coinneach a rinn obair mhòr anns a' Chomhairle.

Bha ùidh mhòr aige ann an spòrs agus e an sàs ann an Camanachd Leòdhais agus air Comhairle Spòrs Leòdhais agus na Hearradh fad bhliadhnaichean.