Cha deach ceann-là a stèidheachadh fhathast airson an MV Loch Seaforth
- Published
Cha deach ceann-là a stèidheachadh fhathast airson aiseag ùr Steòrnabhaigh, an MV Loch Seaforth.
Tha Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh ag ràdh nach eil fios aca fhathast cùin a bhios am port deiseil airson an aiseig ùir.
Bha dùil ris an aiseag bho chionn grunn mhìosan, agus bha dòchas ann an uair sin gun tòisicheadh i ron Nollaig.
Ann am brath-naidheachd ge-tà, thuirt ùghdarras a' chalaidh gu bheil droch-shìde agus dùbhlain ensineeridh air maillle a chuir air an obair.
Chosg an t-aiseag ùr £42m agus 's ann anns a' Ghearmailt a chaidh a togail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 12 An t-Samhain 2014
- Published
- 4 An t-Samhain 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh