BBC Naidheachdan

Tuilleadh taic a dhìth air Blythswood

Published
image copyrightPA
image captionDh'fhosgail Blythswood seachd bancaichean-bìdh air Ghàidhealtachd

Tha a' bhuidheann charthannais Blythswood ag ràdh gum bi feum aca air tuilleadh taic bhon phoball 's lùghdachadh a' tighinn air an taic-airgid a tha iad a' faighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thig gearradh de 30% thar an ath-dà bhliadhna air na gheibh iad bhon Chomhairle.

Thuirt Murchadh MacAoidh a tha ag obair dhan bhuidhinn gun toir an lùghdachadh sin buaidh air an obair aca, ged a tha e an dochas nach caill duine an cosnadh.

"Bidh sinn a' coimhead air an rud a tha sinn a' dèanamh agus ma bhios rudan againn ri ghearradh, feumaidh sinn sin a dhèanamh" thuirt e.

A thuilleadh air a bhith a' dèanamh cobhair air daoine ann an dùthchannan bocha, tha an carthannas cuideachd a' ruith bhancaichean bìdh air a' Ghàidhealtachd fhèin.

Tuilleadh taic

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil iad gu math taingeil airson an taic a tha iad a' faighinn bhon phoball, gu h-àraid le grunn iomairtean carthannais air a bhith ann bho chionn ghoirid a' sireadh airgid.

Ach mas urrainn do dhaoine beagan a bharrachd cuideachaidh a thoirt seachad do Bhlythswood, thuirt e, bhiodh sin gu math feumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Barrachd feum air bancaichean-bìdh