Seann sheòladairean Ruiseanach a' tighinn a dh'Inbhir Nis

Bonn an Arctic Star
Image caption Thuirt Winston Churchill gur e an turas siubhail as miosa san t-saoghal a bh' anns na h-Arctic Convoys.

Thig buidheann de sheann sheòladairean Ruiseanach a dh'Inbhir Nis Diciadain, a' daingeachadh nan ceanglaichean a chaidh a dhèanamh aig àm an Dàrna Cogaidh.

Ghabh na seòladairean pàirt ann an iomairtean cunnartach a bha a' giùlain stuth eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an Ruis, eadar 1941 agus 1945.

Tha ochdnar dhiubh air chuairt Nollaige air feadh na Rìochachd Aonaichte 's iad a' coinneachadh ri daoine air an do chuir iad eòlas bho chionn 70 bliadhna.

Tha am fear as sine dhiubh 97.

Turas cunnartach

Chaill còrr is 3,000 duine am beatha an lùib nan "Arctic Convoys".

Thuirt Winston Churchill gur e an turas siubhail a bu mhiosa air an t-saoghal a bh' ann.

Tha ceangal sònraichte aig a' Ghàidhealtachd ris na h-iomairtean leis gur ann à Loch Iùbh air taobh siar Rois a dh'fhalbh mòran dhiubh.

Thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach, gur e cothrom a tha seo do mhuinntir na Gàidhealtachd sealltainn na spèis a th' aca dha na rinn na seòladairean aig àm air leth cunnartach.

Thèid cuirm shònraichte a chumail ann an Talla Bhaile Inbhir Nis Diciadain airson fàilte a chuir air na Ruiseannaich.