Ìomhaigh de Tom Weir ga foillseachadh

Statue Image copyright Friends of Loch Lomond
Image caption Bha Mgr Weir a' fuireach faisg air far an tèid an ìomhaigh fhoillseachadh.

Thèid ìomhaigh den chraoladair Tom Weir nach maireann fhoillseachadh ri taobh Loch Laomainn Diluain.

Rugadh is thogadh Tom Weir ann an Glaschu ach dh'fhàs e measail air an dùthaich mar dhuine òg, is e tric a' falbh a' coiseachd is a' sreap.

Chuir mòran eòlas air bhon phrògram aige mu Alba, Weir's Way, a rinn e anns na 1970an is na 1980an.

'S ann ri taobh Loch Laomainn, air Slighe Taobh Siar na Gàidhealtachd, a thèid an ìomhaigh fhoillseachadh.

Chosg an ìomhaigh còrr is £80,000, is Buidheann Chuimhneachaidh Tom Weir ag ràdh gun do chuir daoine bho air feadh an t-saoghail taic ris an iomairt aca gus an t-airgead a thogail.

Thuirt bantrach Tom, Rhona, gu bheil i air a dòigh leis an ìomhaigh, is gu bheil e freagarrach dha-rìribh gu bheil e air a stèidheachadh ann am Bàgh Bhaile Mo Thàtha, àite air an robh Tom glè dhèidheil, is faisg air an dachaigh aca ann an Gart a' Chàirn.