Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ebola

Tha banaltram a bhuineas do dh'Alba san ospadal ann an Lunnainn an dèidh dearbhadh gu bheil an galar Ebola oirre. Bha i air tilleadh a dh'Alba air an deireadh sheachdain an dèidh a bhith ag obair ann an Sierra Leone, 's chaidh a gluasad tron oidhche bho Ospadal Ghart nan Abhall ann an Glaschu, gu ruige Lunnainn.

Agus tha boireannach a bha a' fuireach aig Ostail Òigridh Thoirbheartan air taobh siar na Gàidhealtachd ga toirt a dh'Obar Dheathain airson deuchainn a dh'fhaicinn a bheil Ebola oirrese. Bha ise cuideachd ag obair air taobh siar Afraga, ged a tha e coltach nach deach i faisg air duine air an robh Ebola. Tha oifigich shlàinte ag ràdh gur e fìor bheag de chunnart a th' ann dhan mhòr-shluagh.

Indonèisia

Thuirt oifigich ann an Indonèisia gun deach sprùilleach agus cuirp a thogail às a' mhuir far a bheil iad a' coimhead airson a' phlèana aig AirAsia a chaidh a dhìth a' bhòn-dè. Chaidh am plèana, le 162 air bòrd, às an t-sealladh air slighe eadar Indonèisia agus Singapòr.

An Adriatic

Dh'aidich ùghdarrasan anns an Eadailt nach eil iad cinnteach co mheud dhaoine a dh'fhaodadh a bhith a dhìth fhathast bhon bhàt-aiseig an Norman Atlantic, a chaidh na teine anns an Adriatic a' bhòn-dè. Tha fios le cinnt gun do chaill deichnear am beatha. Chaidh còrr is 400 duine a thoirt dhith gu sàbhailte, ach chaidh dithis mharaichean Albàinianach a mharbhadh anns a' mhadainn an-diugh nuair a bhris càball air an tug a tha a' tarraing an Norman Atlantic air ais dhan Eadailt.

Teine ann an carabhan

Thòisich rannsachadh an dèidh do thriùir am beatha a chall ann an teine ann an carabhan ann an Surrey. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan phàirce charabhan aig Newchapel faisg air Lingfield goirid ro 02:00m, ach bha an triùir - inbheach agus dithis chloinne, marbh air an làraich.

Dealan an Rubha

Tha a' chompanaidh SSE an dòchas an dealan a thilleadh gu dachannan anns an Rubha ann an Leòdhas dìreach mun àm seo fhèin. Bha mu 200 dachaigh san sgìre gun dealan na bu thràithe air a' mhadainn.