BBC Naidheachdan

A' bhliadhna ùr ga comharrachadh

Published
image copyrightGetty Images
image captionBidh pàrtaidhean ann thall is a-bhos air feadh na dùthcha.
Tha Steòrnabhagh is Inbhir Nis am measg àiteachan far am bi pàrtaidhean mòra ann Oidhche Challainn.
'S ann an Ceann a' Bhàigh a bhios gnothaichean stèidhichte ann an Steòrnabhagh.
Bidh ceòl bho 9:00f bho Chòmhlan Steven Drummond agus Eleanor NicNeacail.
Bidh cleasan-teine aig 10:00f is taic-airgid a' tighinn bho Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a bhios ann an 2015 a' comharrachadh 150 bliadhna bho chaidh an stèidheachadh.
Thig am pàrtaidh gu ceann aig 10:30f.

Inbhir Nis

Ann an Inbhir Nis 's ann timcheall air Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath a bhios gnothaichean stèidhichte air an oidhche.
'S e Craig Hill fear an taighe agus Julie Fowlis agus a còmhlan, Mànran agus na Red Hot Chilli Pipers am measg na bhios air an àrd-urlar.
Chaidh cuirm a bha gu bhith ann air an Àrd-Shràid eadar 12:00f agus 2:00f, a chur dheth, an dèidh droch thubaist-rathaid sa mhadainn.
Bidh iomain gu leòr a' dol thall is a-bhos cuideachd anns na làithean ri teachd.
Tòisichidh sin anns na Stàitean Aonaichte le geama aig cluba Chalifornia a Tuath air Tràigh Poplar Là na Bliadhna Ùire.

An Ruis

Tha dùil aig Camanachd Krasnador san Ruis an geama acasan a chluich Disathairne.
Nas fhaisge air an taigh bidh Cupa MhicShimidh ann Dihaoine sa Mhanachainn aig 1:00f.
Bidh sgioba a' bhaile gu mòr ag amas air an cupa a thoirt air ais bho Lòbhat, a shoirbhich 4-1 an-uiridh.
Bidh iomain na Callainne ann an Ceann a' Bhàigh an Steòrnabhagh aig 2:00f Disathairne.
'S e clach-mhìle a bhios sa gheama seo is 20 bliadhna bho thòisich oidhirp gus iomain a stèidheachadh às ùr ann an Leòdhas.