Urraman na Callainne do Ghàidheil

Buinn Image copyright PA
Image caption Chaidh liosta urraman na Callainne fhoillseachadh.

Tha grunn dhaoine bhon Ghàidhealtachd agus às na h-Eileanan am measg na tha air urram fhaighinn bhon Bhànrigh.

Nam measg tha an seinneadair Art MacArmaig, a gheibh OBE airson a sheirbheisean dha foghlam Gàidhlig.

A bharrachd aireasan tha an tidsear ciùil Anna Lampard, airson seirbheisean do dh'fhoghlam ciùil anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, agus Alistair MacÌomhair airson a sheirbheisean do chroitearachd air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileannan. Gheibh an dithis acasan MBE.

Cuideachd a' faighinn urraim, tha Catriona NicAsgaill airson a seirbheisean do chànan agus cultar na Gàidhlig, agus Màiri Anna NicLeòid a tha na tè-ghairm air buidheann taic airson daoine air a bheil aillse broillich ann an Leòdhas agus na Hearadh. Tha an dithis acasan a' faighinn urram BEM.