Bun-sgoil Mhalaig gu bhith fosgladh Diluain

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas gum fosgail Bun-sgoil Mhalaig Diluain seo tighinn, as deidh obair-càraidh a bhith air a dhèanamh air similear.

Thuirt a' Chomhairle nach deach aca air obair-càraidh a bha a dhìth a dhèanamh thar saor-làithean na Nollaige ach tha'd an dùil gum bi a h-uile sian deanta ron deireadh sheachdain.

Tha seo air buaidh a thoirt air mu 100 duine-cloinne.

Thuirt ceannardan na Comhairle gu bheil iad duilich mun duilgheadas a dh'adhbharaich seo do phàrantan, luchd-cùraim agus chloinn, ach tha iad ag ràdh gum feum sàbhailteachd nan sgoilearan agus an luchd-obrach prìomhachas fhaighinn.