Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Shanghai

Tha Ceann-suidhe Shìona, Xi Jinping, air sgrùdadh iarraidh às dèidh mar a chaidh 36 duine a mharbhadh aig cuirm Bliadhna Ùire ann an Shanghai. Bha sluagh mòr aig a' chuirm, thuit tòrr dhaoine, agus chaidh feadhainn a mharbhadh le mar a chaidh seasamh orra. Chaidh co-dhiù 47 duine a ghoirteachadh.

Ebola

Thuirt an ospadal anns a bheil an nurs Albannach air an tàinig Ebola, Pauline Cafferkey, gu bheil i ann an staid cho math 's a lùigeadh iad aig an ìre seo. Tha i a' faighinn droga agus fuil bho dhaoine air an robh Ebola aig an Ospadal Saor Rìoghail ann an Hampsted. Cuideachd tha a' bhuidheann Slàinte Phoblach Shasainn air cantainn gun do bhruidhinn iad ri 85 duine a bha a' siubhail còmhla rithe.

Luchd-naidheachd al-Jazeera

Cho-dhùin a' chùirt as àirde san Èipheit gum bu chòir cùis-lagha eile a bhith ann airson triùir luchd-naidheachd bho al-Jazeera, a chaidh fhaighinn cionntach airson taic a thoirt dhan Bhràithreachas Mhuslamach - buidheann a th' air a casg. Tha fear a bha ag obair aig a' BhBC, Peter Greste, nam measg. Fhuair iad binn eadar seachd agus deich bliadhna. Bidh iad anns a' phrìosan gus an tèid a' chùis a chumail. Bha na teaghlaichean aca ag ràdh gur e briseadh dùil a bh' ann nach fhaigh iad a-mach air urras.

Coirea

Thuirt ceannard Choirea a Tuath, Kim Jong-un, gum biodh an dùthaich deònach còmhraidhean aig àrd-ìre a chumail le Coirea a Deas. Bha an Ceann-suidhe ag ràdh gum biodh e deònach àrd-choinneamh a chumail le ceann-suidhe Choirea a Deas, nan deadh gabhail ris na h-iarrtasan aige.

Afganastan

Chaidh co-dhiù 20 duine a mharbhadh aig banais ann an Afganastan às dèidh mar a chaidh rocaid a losgadh orra. Tha 45 duine air an goirteachadh. Bha sabaid a' dol eadar an Taliban agus an arm faisg air làimh. Chan eil fhios cò a loisg an rocaid. Bho an-diugh bidh tèarainteachd ann an Afganastan an urra ri feachdan Afganach, agus bidh Nato an sàs ann an trèanadh.

Bàs ann an teine

Bhàsaich boireannach às dèidh mar a chaidh taigh na theine ann am Mòine na Fèithe ann am Machair Aonghais an-raoir. Thuirt na Poilis nach eil càil amharasach ann mun teine.

Prìs a' Chonnaidh

Cuiridh ceithir de na bùithdean mòra na prìsean connaidh aca sìos bho an-diugh. Bidh am peatroil agus an diesel aig Asda, Morrison's, Sainsbury's agus Tesco 2sg nas saoire.