Plèana far raoin-laighe Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Iain MacIllFhinnein
Chaidh an luchd-siubhail gu lèir fhaighinn far an itealain gu sàbhailte.
Chaidh am plèana a bha a' dol eadar Steòrnabhagh agus Glaschu an-diugh far an raoin-laighe fhad 's a bha i a' feuchainn ri Steòrnabhagh fhàgail timcheall air 08:30m.
Chaidh dithis fhireannach a bh' air bòrd a ghoirteachadh, ach chan ann gu dona. Chaidh an toirt chun an ospadail ann an Steòrnabhagh.
Chaidh dithis bhoireannach cuideachd a ghoirteachadh gu beag, ach dhiùlt iad cobhair meidigeach.
Chaidh an 29 duine a bh' air bòrd fhaighinn dhith gu sàbhailte.
Thathas a' tuigsinn gur e a' ghaoth a chuir am plèana far an raoin-laighe.
Tha am port-adhair dùinte an-dràsta, agus tha na seirbheisean èiginn gu lèir aig a' phort-adhair.
Chaidh an rathad eadar Steòrnabhagh agus an Rubha, a tha a' dol seachad air ceann an raoin-laighe, a dhùnadh greis.