"Briseadh dùil" is seirbheis adhair ga stad

Flybe
Image caption Dh'innis Flybe nach lean an t-seirbheis an dèidh 22na an Gearran.

Tha ceannardan gnothachais ann an Inbhir Nis ag ràdh gur e bristeadh-dùil mòr a th' ann gu bheil Flybe gus an t-seirbheis eadar am baile is Lunnainn a stad.

Chan eil ann ach beagan mhìosan bho thòisich an t-seirbheis.

Dh'innis Flybe aig deireadh na seachdain seo chaidh gun stad an t-seirbheis eadar Inbhir Nis is Port Adhair London City air an 22na là den Ghearran.

Thuirt a' chompanaidh nach eil iarrtas gu leòr ann airson na seirbheis, a thòisich san Damhair.

Thuirt Àrd-Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gur e call a th' ann, ach gur e dùbhlan a th' ann daonnan seirbheis ùr a thòiseachadh sa Gheamhradh, is gun robh na plèanaichean leathach falamh.

Thuirt Stiùbhairt Nicol bho Sheòmhraichean Malairt Inbhir Nis gur e bristeadh-dùil mòr a th' ann.

Tha e ag ràdh ge-tà, gu bheil Flybe air na seirbheisean a stad rè-ùine seach cur às dhan t-slighe buileach, is mar sin gu bheil dòchas air choireigin ann fhathast.

Tha an naidheachd a' fàgail gur e Easyjet a-mhàin a bhios a' sgèith eadar Inbhir Nis is Lunnainn.