Ceist mu dhealan nan Eilean Siar

Builgean solais
Image caption Tha an dealan air a bhith dheth sna h-Eileanan Siar gu tric gun adhbhar follaiseach.

Thathas ag iarraidh air a' chompanaidh SSE mìneachadh a thoirt seachad air carson a bhios an dealan a' dol dheth anns na h-Eileanan an Iar aig amannan fiù 's ged nach eil stoirmean ann.

Tha an Comh. Dòmhnall Crichton airson faighinn a-mach carson a tha sin a' tachairt is a bheil an lìonra feumach air leasachadh.

"Tha sinn a' faicinn anns na seachdainnean agus na mìosan a chaidh seachad, gu bheil an cumhachd a' dol dheth gu math tric gun adhbhar sam bith," thuirt e.

"Gun droch shìde a bhith ann. Agus tha mi dìreach ag iarraidh faighinn a-mach bho SSE dè tha ag adhbharachadh seo, 's ciamar a ghabhas seo a chur ceart.

"Tha mi air sgrìobhadh gu ceannard SSE ag iarraidh faighin a-mach a bheil càil ceàrr leis a' bhun-structar a tha ag adhbhrachadh seo.

"Tha sinn a' gabhail ris gum bi an dealan a' dol dheth nuair a bhios droch shìde ann, ach feumaidh sinn faighinn a-mach carson a tha seo a' tachairt nuair a tha sìde shàmhach ann.

"Tha e a' toirt air ais nar cuimhne nan làithean anns na 70an, nuair a bhiodh an cumhachd a' dol dheth cho tric. 'S tha sin a' tachairt a-rithist an-diugh," thuirt e.