Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cemfjord

Chaidh dearbhadh nach buin geòla bheag rubair a thàinig air tìr ann an Arcaibh dhan t-soitheach cargo Cemfjord a chaidh fodha sa Chaol Arcach Disathairne. Chuir am bàta a bha a' giùlain saimeant car mus deach i fodha. Chan eil sgeul air a h-ochdnar criutha, seachdnar às a' Phòlainn agus aon Filipineach. Thuirt na Maoir-chladaich nach tèid iad a-mach a choimhead air an son a-rithist mur a tig fiosrachadh às ùr am follais.

Ebola

Thuirt an carthannas Save the Children gu bheil iad a' dèanamh rannsachaidh fhìor-mhionaidich mun dòigh san d' fhuair nurs Albannach an galar Ebola ann an Sierra Leone. Dh'fhàs Pauline Cafferky, à ceann a deas Lannraig, tinn an dèidh dhi tilleadh a Ghlaschu bho chionn seachdain, agus tha i fhathast ìosal anns an ospadal ann an Lunnainn.

Na Làbaraich

Thuirt Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gur e an taghadh coitcheann anns a' Chèitean an aon chothrom ann an ginealach taghadh a dhèanamh eadar plana Tòraidheach nach eil ag obair, no teansa a thoirt dhan duine cumanta. Tha na Làbaraich a' cur iomairt an taghaidh air bhonn an-diugh, le rabhadh gun cuir na Tòraidhean às dhan NHS. Tha na Tòraidhean ag ràdh nach eil bunait sam bith aig plana eaconamach nan Làbarach.

Aois a' Bhòtaidh

Gheall Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, gun tèid cumhachd ùr airson cead-bhòtaidh airson taghadh na Pàrlamaid Albannaich do dh'òigridh 16 agus 17 bliadhna de dh'aois, a thoirt do Holyrood mus bi an taghadh coitcheann ann anns a' Chèitean. Thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gun deach adhartas a dhèanamh gu ruige bile a bheireadh tuilleadh chumhachd do Holyrood mar a gheall Coimisean Mhic a' Ghobhainn.

Biadh-sgoile

Gheibh clann-sgoile na h-Alba eadar clas 1 's 3 anns a' bhun-sgoil dinnear-sgoile an-asgaidh bho an-diugh. Tha seo a' gabhail eisimpleir Shasainn, far an do thòisich sgeama den aon sheòrsa an-uiridh. Tha dùil gun cosg am pròiseact mu £95m air a' chiad dà bhliadhna dheth.

Seirbheis-adhair

Thuirt ceannardan gnìomhachais air a' Ghàidhealtachd gur e fìor bhriseadh-dùil a th' ann gu bheil Flybe a' sguir den t-seirbheis eadar Inbhir Nis agus Port-adhair London City. Chan eil ach dà mhìos bho thòisich i, agus Flybe ag ràdh gum freagradh i air luchd-gnothaich agus luchd-turais. Bidh an t-seirbheis a' stad ge-tà air an 22na là den ath-mhìos, agus Flybe ag ràdh a-niste nach eil uimhir 's a bha dùil ga cleachdadh.