Ceist fhathast mun Cemfjord

An soitheach a' dol fodha Image copyright Not specified
Image caption Chan eil sgeul air an ochdnar chriutha a bh' air bòrd an Cemfjord.

Thuirt eòlaichean thubaistean mara nach eil fhathast fios aca dè bu choireach gun deach soitheach bathair chun a' ghruinnd anns a' Chaol Arcach air an deireadh sheachdain.

Bha an soitheach a' giùlain luchd de seamaint bhon Danmhairg gu ruige Cheshire ann an Sasainn.

Thathar a-nis a' sgrùdadh grunn na mara ann an oidhirp lorg fhaighinn oirre.

'S e dìreach toiseach na soithich a bha ri fhaicinn os cionn na fairge Disathairne, agus cha robh sgeul air an ochdnar chriutha.

Bhuineadh seachdnar aca don Phòlainn agus aon duine dhiubh do na h-Eileanan Philippineach.