Uachdaran an aghaidh an RSPB

Clamhan-gobhlach Image copyright Thinkstock
Image caption Thug Mgr MacCoinnich cead seachad airson gun deadh sùil a chumail air nead clamhain-ghòbhlaich air an fhearann aige.

Tha fear de phrìomh uachdarain na Gàidhealtachd air soidhnichean a chuir suas air an oighreachd aige, ag ràdh nach eil Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) di-beithte air an oighreachd aige.

Thuirt Iain MacCoinnich, leis a bheil Oighreachd Ghearrloich agus Chonainn, sa bheil 60,000 acair, a' gearain gu bheil an RSPB ro chumhachdach, agus nach eil iad càirdeil ris an t-sluagh.

Tha Mgr MacCoinnich cuideachd air soidhnichean a thoirt seachad do nàbaidhean dha a th' air an aon ràmh leis.

Bha e air cead a thoirt airson gun deadh sùil a chumail air nead clamhain-ghobhlaich air an fhearann aige, agus e a' tuigsinn gur e neach-obrach bho Choimisean na Coilltearachd a dhèanadh an obair.

Obair Charthannais

Thug e an cead aige air falbh ge-tà, nuair a fhuair e a-mach gur ann don RSPB a bha an duine ag obair. Thuirt e cuideachd gur e an nead ceàrr a bha iad a' coimhead ris.

Thuirt e gun robh a' bhuidheann a' dèiligeadh ri uachdarain agus daoine a tha ag obair air an tuath mar dhaoine "teagmhach".

"Nam bruidhneadh tu ri 98-99% de chìobairean, tuathanaich, croitearan, gillean, coilltearan, stalgairean, geamairean agus uachdarain air Ghàidhealtachd, theireadh iad riut nach robh earbsa aca anns an RSPB a thaobh mar a tha iad ag obair," thuirt e.

Thuirt e cuideachd gun robh a' mhòr-chuid de na daoine sin a' cur taic ri obair-ghlèidhteachais.

Thuirt an RSPB gu bheil e mar amas aca a bhith a' co-obrachadh le uachdarain gu h-ionadail, agus gum b' fheàrr leotha còmhradh a bhith eadar iad agus uachdarain, seach soidhnichean.

Ach thuirt iad gun robh còir aig duine sam bith soidhne a chur suas air an fhearann aca fhèin a' cur an cèill an cuid bheachdan nam bu thoil leotha.

Thuirt iad nach robh dleastanas laghail orra innse do dh'uachdarain mu obair-sgrùdaidh, ach gum biodh iad a' dèanamh sin co-dhiù, mar mhodh.

Thuirt iad gun deach carbad le Coimisean na Coilltearachd a chleachdadh anns an obair air fearann Mhgr MhicCoinnich, mar phàirt de thaic a tha an Coimisean a' cumail ri obair an RSPB.

Tha connspaid air a bhith ann air Ghàidhealtachd a thaobh mar a chaidh 16 clamhain-ghobhlach agus sia clamhain fhaighinn marbh an-uiridh. Chaidh cuid de na h-eòin a phuinnseanachadh.

Thuirt labhraiche don RSPB gun robh iad airson a dhèanamh soilleir nach robh amharas orra mu Oighreachd Gheàrrloich agus Chonainn co-cheangailte ris a' chùis sin.

Thuirt an labhraiche: "Fhad 's gum b' fheàrr leinn a bhith a' còmhradh ri duine sam bith nach eil ag aontachadh ris an obair charthannais againn, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan ionadail, tha còir, gun teagamh sam bith, aig duine sam bith soidhne a chur suas air an fhearann phrìobhaideach aca fhèin gus beachd a nochdadh, ma 's toil leotha."