Molaidhean an dèidh bàs Liam Aitchison

Liam Aitchison
Image caption Chaidh Liam Aitchison a mhurt air iomall baile Steòrnabhaigh o chionn ceithir bliadhna.

Chaidh molaidhean ùra fhoillseachadh an dèidh mar a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha clann air an dìon anns na h-Eileanan an Iar.

B' e Comataidh Dìon Cloinne nan Eilean Siar a rinn an rannsachadh an dèidh murt an deugaire Liam Aitchison ann an 2011.

Chaidh Liam Aitchison, a bha 16, a mhurt air iomall baile Steòrnabhaigh o chionn ceithir bliadhna.

Ghluais Liam gu Steòrnabhagh às Uibhist a Deas far an do thogadh e.

Chaidh an sgrùdadh iarraidh an dèidh a' bhèis feuch dè an cùram, dìon agus gnothach a bh' aig na buidhnean air a bheil dleastanas airson clann a dhìon mus do chaochail e.

Chaidh an aithisg sin fhoillseachadh, agus tha deich molaidhean na chois.

'S e am prìomh mholadh gum feum poileasaidh a bhith ann airson cùram a thoirt do chloinn eadar 16 agus 18 a dh'fhaodadh a bhith ann an suidheachadh èiginneach.

Tha iad den bheachd nach eil clann den t-seòrsa seo a' faighinn a' chùraim a bu chòir mus ruig iad aois inbhich

Tha i cuideachd a' moladh gum bu chòir seirbheis nas fheàrr a bhith ann airson cloinne a th' air uchd-mhacachd ann an Uibhist.