Àrdachadh granta "ro bheag"

Talamh croitearachd
Image caption Bheir Comhairle nan Eilean Siar fianais dhan Riaghaltas air an fheum a tha iad a' faicinn air àrdachadh nas motha air a' ghranta.

Chan eil molaidhean Riaghaltas na h-Alba airson àrdachadh a thoirt air granta nan taighean-croite a' dol fada gu leòr, a rèir chomhairliche Eileanach.

Thuirt Iar-chathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, nach eil an t-àrdachadh de £6,000 faisg air na tha a dhìth mu choinneimh na tha e a' cosg taigh ùr a thogail.

Fo na molaidhean, gheibheadh croitearan £28,000 de ghranta mu choinneimh chosgaisean a bhith a' togail dachaigh.

"Feumaidh sinn sa chiad àite fàilte a chur air gu bheil conaltradh ann mu dheireadh thall," thuirt e.

Toirt air falbh

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh greiseig mhòir airson seo a bhith a' tachairt.

"Ach aig an aon àm 's e briseadh dùil mòr a th' ann leis na molaidhean a tha iad a' cur air adhart.

"Aig an àm seo tha iad a' toirt beagan le aon làimh, agus a' toirt air ais tòrr le làimh eile.

"Sia mìle not, chan eil e a' dol a thighinn faisg air na cosgaisean a th' ann an-diugh airson togail thaighean.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil cosgaisean an-diugh 25% nas àirde anns na h-Eileanan na tha iad air Tìr Mòr," thuirt e.

Cuideachd fo na molaidhean, chan fhaigheadh daoine a tha a' leasachadh seann taigh ach 40% den ghranta.

"Chan eil mi a' tuigsinn sin idir. Mar a thuirt mi tha iad a' toirt le aon làimh, 's a' toirt air falbh le làimh eile," thuirt Mgr Crichton.

"Tha tòrr thaighean anns na h-Eileanan Siar a dh'fhaodadh a bhith air an dèanamh an-àirde leis a' ghranta seo.

"Bu chòir dhaibh a bhith ag àrdachadh a' ghranta seo, ach tha iad ga ghearradh.

"Nuair a tha sinn ag iarraidh dachaighean croitearachd a bhith freagarrach a thaobh cosgais connaidh, 's ann a shaoileadh tu gum biodh iad ag iarraidh barrachd airgid a chur a-steach.

"'S e a' cheist, ciamar a tha sinn a' dol a chumail dhaoine òga agus teaghlaichean anns na bailtean iomallach againn?

"Dè tha a' dol a thàladh dhaoine air ais chun nan Eileanan airson fuireach agus teaghlach a thogail ann an seo?

"Cha bu chòir cosgaisean taighe a bhith a' tighinn a-steach ann a thaobh nan grantaichean seo idir. Ach bu chòir dhan Riaghaltas an granta a thogail gum bi e freagarrach airson coinneachadh nan cosgaisean a tha an lùib togail thaighean anns na h-Eileanan an-diugh," thuirt e.

Cuiridh a' Chomhairle na beachdan sin chun an Riaghaltais mar phàirt de cho-chomhairleachadh air a' chùis.

Thuirt am Ministear le dleastanas airson Croitearachd, Aileen NicLeòid, gun èist an Riaghaltas ri beachdan sam bith a gheibh iad.

"'S e co-chomhairleachadh a tha seo, agus tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' faighinn na fianais," thuirt i.

"'S e fianais ghlè mhath a tha sinn air faighinn.

"Gu follaiseach, tha fhios agam gun do choinnich seann Mhinistear na Croitearachd, Pòl Wheelhouse, ri Comhairle nan Eilean Siar o chionn mìos no dhà, agus mar sin, mar a tha mi ag ràdh, tha mi gu mòr a' dèanamh fiughair ri bhith a' faighinn na fianais bhon cho-chomhairleachadh seo."