Bu chòir prìs na h-ola fhaicinn am faraidhean
- Air fhoillseachadh

Bu chòir gun tig faraidhean-aiseig agus adhair a-nuas, agus lùghdachadh air tighinn air prìs na h-ola, a rèir Pàrtaidh Làbaraich nan Eilean Siar.
Dh'iarr tagraiche nan Làbarach san sgìre, Alasdair Moireasdan, air Riaghaltas na h-Alba na faraidhean-aiseig a lùghdachadh, agus connadh a-nise nas saoire ri linn suidheachadh na h-ola.
Tha e cuideachd air fios a chur gu Flybe agus Eastern Airways.
"Tha duine ciallach sam bith ag iarraidh gum faic sinn buaidh an lùghdachaidh mhòir a tha a' tighinn air an togsaid ola," thuirt e.
Dleastanas
"Madainn an-diugh tha i nas saoire na $50, agus bidh cuimhne againn uile an cop a bha mu bheòil cuid de dhoaine a bha ag innse dhuinn an saibhreas mòr a bha a' dol a thighinn dhan dùthaich, agus nach tuiteadh prìs na h-ola nas ìsle na $113.
"An suidheachadh a th' againn an-diugh, 's e gu bheil an ola nas saoire. Tha sin math do chuid de dhaoine, agus tha e dona do chuid eile.
"Tha mise an-diugh ag iarraidh air Riaghltas na h-Alba, agus an dithis riochdairean a th' againn an-dràsta sna h-Eileanan, an dleastanas a dhèanamh, agus iarraidh air a' chompanaidh a bhuineas dhan stàit - agus buinidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn do Riaghaltas na h-Alba - dèanamh cinnteach gu bheil an lùghdachadh mòr a tha sin a' nochdadh anns na faraidhean a th' againne an seo dha na h-Eileanan.
"Tha sinn ga fhaicinn aig na pumpaichean, 's tha sinn ga fhaicinn cuideachd aig na daoine a tha a' ceannach connaidh airson a bhith a' teasachadh nan dachannan aca," thuirt e.
Tha Mgr Moireasan ag ràdh, nuair a thèid prìs na h-ola suas, gum faicear buaidh air prìsean connaidh agus còmhdhail.
"Cha leig thu leas aontachadh am bi iad a' dol suas a h-uile turas a tha an ola a' dol suas - tha sin dìreach a' tachairt," thuirt e.
"'S tric a bhios sinn a' cluinntinn bho na companaidhean adhair, 's bidh iad a' cur a-mach brath-naidheachd ag innse gum feum iad prìsean àrdachadh air sàilleabh chosgaisean connaidh.
"Tha i a-niste air tuiteam cho mòr, agus feumaidh an Riaghaltas, agus feumaidh na riochdairean againn dèanamh an rud a tha ceart agus iomchaidh.
"Sin an ìsleachadh a tha sin a bhith nochdte agus aithnichte anns na prìsean a tha sinn a' pàigheadh airson faraidhean," thuirt e.
Tha Mgr Moireasdan air fios a chur a-mach gu companaidhean adhair, agus cuideachd chun na buidhne Còmhdhail Alba, a th' air freagairt a thoirt dha.
"Tha sinn air fiosrachadh fhaighinn air ais bho Chòmhdhail Alba, agus tha e do-chreidsinneach - sin gur e poileasaidh RET a bheir ìsleachadh air faraidhean," thuirt e.
"Tha fios aig a h-uile duine, nach robh RET againn, agus nach eil RET againn," thuirt e.