Croitearan a' gearain mu atharrachadh air CCAGS

Croitear
Image caption Fon sgeama ùr feumar trì tairgsean airson gach pìos obrach dha bheileas ag iarraidh granta, seach mar a bha.

Feumaidh croitearan a-nise trì tairgsean fhaighinn bho chompanaidhean airson obair sam bith a tha iad a' dèanamh fo sgeama nan grantaichean croitearachd CCAGS, mus fhaigh iad cead.

Ach tha gearainnean ann gu bheil sin a' cur cus uallaich air croitearan agus air companaidhean.

Tha croitear à Leòdhas, Dòmhnall MacSuain, air sgrìobhadh gu Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail, Richard Lochhead, mu dheidhinn.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil croitearan gu lèir a' tuigsinn 's ag aideachadh gur e rud math a th' ann an CCAGS," thuirt e.

Bacadh

"Ach a-nise, anns an fhear ùr a tha seo, tha iad ag ràdh gum feum sinn trì tairgsean a chur a-steach airson suim sam bith airgid a tha sinn ag iarraidh bho CCAGS.

"Chan eil mise a' smaointinn gu bheil sin ceart idir. Gu h-àraid daoine a tha ag obair ann an coimhearsnachdan beaga.

"Tha dhà no trì bliadhnaichean bho thug iad air falbh sgeama a bh' aca far am biodh e nas lugha na £2,000 gum faigheadh tu às le aon chuòt.

"Dh'atharraich sin bho chionn 's dòcha dà bhlidhna, ach cha do dh'innis iad dha-rìribh carson a rinn iad sin, ach dìreach dh'atharraich e 's gum feumadh tu dhà.

"Bha sin ceart gu leòr le dhà, ach nuair a tha thu ag obair ann an coimhearsnachd bhig, agus nuair a tha, can gun robh mise airson dìg a dhèanamh air an lot agam, agus tha 's dòcha duine no dithis timcheall le digger, ceart gu leòr a dhol gu aon, 's tha fios agamsa cò gheibh mi airson an obair sin a dhèanamh.

"Thig mi chun an fhear eile, 's tha fhios aigesan nach eil e a' dol a dh'fhaighinn na h-obrach sin, agus bheir esan dhomh cuòt, agus tha sin ceart gu leòr.

"Ach an uair sin, feumaidh mi fear eile fhaighinn a-nis, agus 's dòcha gum feum mi a dhol gu taobh eile an eilein. 'S tha fios deamhnaidh math aig an duine sin nach eil esan a' dol a dh'fhaighinn na h-obrach.

"Carson a tha esan a' dol a dhèanamh obair 's fhios aige nach eil e a' dol a dh'fhaighinn a phàigheadh air a son? Tha sin a' cur bacadh air a h-uile càil.

"Tha e ceart gu bheil an Roinn a' dèanamh cinnteach gu bheil iad a' faighinn na prìse as fheàrr.

"Ach airson rudan mar cur an-àirde feansa, tha sùim aca airson gach meatair co-dhiù. Tha stiùireadh aig an Roinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na prìsean timcheall air an àireimh sin.

"Mar a tha mise a' faicinn na cùise, ma tha a' phrìs sin aca co-dhiù, carson a dh'fheumas iad trì eile?

"Tha iad ag iarraidh air triùir a tha ag obair air an cinn fhèin obair a dhèanamh gun phàigheadh sam bith air a son.

"Tha iad a' dèanamh barrachd obair, obair rianachd dhan chroitear cuideachd - rud a tha sinn a' dèanamh cus dheth co-dhiù - agus chan eil seo a' cuideachadh duine sam bith.

"Tha mise air litir a sgrìobhadh gu Richard Lochhead, Rùnaire airson ghnothaichean àiteachais, agus tha mi air iarraidh airsan a dhol air ais dhan t-seann sgeama, far an dèan aon chuòt airson nas lugha na £2,000 a' chùis, agus ma tha e barrachd na sin, a dhol gu dà chuòt mar a bha.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an rud as ciallaiche dhan a h-uile duine," thuirt e.