Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Paras

Thuirt Poilis ann am Paras gun do chaochail bana-phoileas air an deach losgadh le gunna ann an ceann a deas a' bhaile sa mhadainn an-diugh. Chaidh aon duine eile a leòn, agus tha am fear-gunna fhathst ma sgaoil. Chan eil na h-ùghdarrasan aig an ìre seo a' dèanamh ceangail eadar seo agus ionnsaigh cheannairceach air oifisean na h-iris naidheachd connspaidich Charlie Hebdo ann am Paras an-dè. Tha Poilis fhathast a' coimhead airson dithis bhràithrean bho shliochd Algerianach fo amharas mun ionnsaigh sin. Tha là de chaoidh nàiseanta san Fhraing dhan 12 duine a chaill am beatha an-dè, agus bha caismeachdan mòra air feadh na dùthcha an-raoir a' togail fianais an aghaidh na thachair.

Ola a' Chuain a Tuath

Innsidh Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh gun cùm an Cuan a Tuath stòras prìseil ri Alba airson iomadh bliadhna fhathast. Aig an dearbh àm tha Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil a' coinneachadh ri riochdairean na h-ola ann an Obar Dheathain agus dragh ann mun ghnìomhachas anns a' Chuan a Tuath, le prìs na h-ola a' tuiteam dhan ìre as ìsle ann am faisg air sia bliadhna.

Tesco

Tha Tesco a' dùnadh 43 de na bùthainnean mòra aca air feadh Bhreatainn, agus a' cur an dàrna taobh plana airson faisg air 50 bùth ùr. Tha Tesco a' toirt sùil an-dràsta air an dòighean-obrach agus iad a' reic nas lugha na bha iad anns na beagan mhìosan mu dheireadh.

Murtair

Chaidh binn beatha sa phrìosan air fear a mhuirt boireannach nuair a rinn e mèirle aig a dachaigh ann an Glaschu. Thug Pòl McManus a tha 20 bliadhna de dh'aois, ionnsaigh le sgìthinn air Isabelle Sanders a bha 51, aig a dachaigh ann an Crookston anns a' Ghiblean an-uiridh.

Màl Shlèite

Tha croitearan ann an Slèite a' diùltadh àrdachadh nam màl. Chuir an t-uachdaran, Urras Chloinn Dòmhnaill, àrdachadh mòr an sàs faisg air deireadh na bliadhna an-uiridh, a tha a' toirt buaidh air mu 100 croitear. Gheall an t-Urras gum bi iad a' cur a-mach litrichean a dh'aithghearr le fiosrachadh air an t-suidheachadh.

Bun-sgoil Mhalaig

Tha a h-uile dùil gum fosgail Bun-sgoil Mhalaig a-rithist Diluain an dèidh a dùnadh le dragh mu shàbhailteachd ro shaor-làithean na Nollaige. Bha dragh ann mu shimilear na sgoile, ach chaidh sin a chàradh, agus fosglaidh an sgoil a-rithist Diluain do sgoilearan agus tidsearan.