Tesco a' cur as do phlanaichean 'son bhùithdean ùra air a' Ghàidhealtachd

Tesco supermarket
Image caption Chan eil Tesco air a bhith cho soirbheachail 's a b'àbhaist.

Tha a' chompanaidh Tesco air innse nach bi iad a' dol air adhart leis na planaichean aca 'son bùithdean mòra a thogail anns a' Ghearasdan no san Aghaidh Mhòir.

Bha iad am measg 49 stòraichean ùra air an robh a' bhuidheann ag amas fhosgladh air feadh na Rioghachd Aonaichte.

Leis gu bheil na prothaidean aca air tuiteam gu mòr, tha Tesco cuideachd a' dol a dhùnadh 49 bùithdean eile, ged nach eil fhios fhathast dè an fheadhainn.

Bho thoiseach na linne seo tha Tesco air a bhith soirbheachail air a' Ghàidhealtachd agus fiù 's chaidh "Tesco Town" a ghabhail air Inbhir Nis mar far-ainm .

Crìonadh

Ach le crìonadh na h-eaconamaidh agus farpais bho bhùithdean leithid Aldi is Lidl, tha na prothaidean aig Tesco air a dhol sìos na h-uiread 's gu bheil iad air co-dhùnadh cuid de bhùithdean a dhùnadh agus cur às dha planaichean 'son fheadhainn ùra a thogail.

Le sin cha tèid stòr 45,000 troigh cearnagach a thogail 'san Aghaidh Mhòir, no stòr 70,000 troigh cearnagach a thogail anns a' Ghearasdan - rud a dh'fhaodadh a bhith air na ceudan chosnaidhean a chruthachadh.

Fuasgladh

Thuirt Àrd-Oificear Tesco, Dave Lewis, gur e briseadh cridhe a bh' ann dhà a bhith a' foilleasachadh na tha fa-near dhan bhuidhinn agus e mothachail air cho cudromach 's a tha na làraichean anns an Aghaidh Mhòir agus sa Ghearasdan.

Thuirt e gum biodh Tesco ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd agus Ùghdaras a' Phàirce Nàiseanta 'son fuasgladh fhaighinn dhan dà choimhearsnachd.