Mì-chinnt fhathast a thaobh Ionadan-Seirbheis

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Thàinig co-luadar poblach air a' chùis gu crìoch bho chionn 10 miosan.

Tha mi-thoileachas air èirigh nach eil fiosrachadh air nochdadh fhathast mu na tha an dàn - do dh'ionadan-seirbhis air a' Gàidhealtachd - agus deich miosan ann bhon a thainig co-luadar poblach air a chùis gu crìoch.

Thog fear-cathrach Comhairle Choimhearsnachd Shlèite Ruairidh Moireach dragh mun a chùis - ag ràdh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd ri cuilbheart agus a' cumail fiosrachaidh bhon t-sluaigh a thaobh na th'air fàire dha na h-ionadan.

Bha an t-ùghdarras ionadail am beachd a' mhòr chuid dhe na h-ionadan a dhùnadh sa Ghearran an-uiridh, ach thàinig orra co-luadar poblach a dhèanamh air a' chùis ri linn ghearainnean bhon phoball.

Thuirt Mgr Moireach gu bheil a' Chomhairle air a bhith dèanamh a h-uile sian ann a dìomhair agus nach bu chòir dhaibh sin a' dhèanamh 's gu bheil feum aig luchd-obrach gu h-àraidh, ach a' mhòr-shluagh cuideachd, fios a bhith aca air dè tha foinear dhan a' Chomhairle a thaobh na goireasan seo.