Iarrtas 'son dùnadh sgoiltean an Eilein Sgitheanaich a ghairm a-steach dhan Riaghaltas

School Children
Image caption Tha a' Chomhairle ag iarraidh sgoil ùr a thogail ann an Dùn Bheagain.

Dh'iarr ball Gàidhealach an SNP, Daibhidh MacThòmais, gun tèid co-dhùnadh Chomhairle na Gàidhealtachd 'son sgoiltean an t-Sruthain, an Aodainn Bhàin agus a' Cnuic Bhric a dhùnadh, a ghairm a-steach gu Riaghaltas na h-Alba.

Tha a' Chomhairle airson sgoil choimhearsnachd ùr a thogail ann an Dùn Bheagain a bhiodh a' toirt a-steach nan ceithir bun-sgoiltean a th' anns an sgìre an dràsta.

Tha oifigearan a' dèanamh a-mach gum biodh na sgoilearan a' faighinn foghlaim nas fheàrr, ach tha cuid de phàrantan gu math draghail gu bheilear a' dol a dhùnadh nan sgoiltean beaga.

Bhiodh aig cuid de chloinn ri shiubhal 40 mionaid air bus chun na sgoile, agus tha pàrantan a' faireachdainn gu bheil sin cus 's tha iomagain orra cuideachd mun dòigh san deach an co-luadar a dhèanamh.

Thèid coinneamh a chumail san Aoadainn Bhàn oidhche Ardaoin 'son beachdan dhaoine fhaighinn a thaobh am bu chòir leantainn leis an t-strì 'son an sgoil aca a chumail fosgailte.