Sgoiltean nan Eilean Siar dùinte Dihaoine

Am Braighe
Image caption Tha dùil ri oiteagan gaoithe de 100mph ann an cuid de dh'àiteachan.

Le rabhadh òmar bho Oifis na Sìde 'son gaoth làidir agus uisge trom, tha Comhairle nan Eilean Siar air na sgoiltean agus sgoiltean-àraich aca air fad a dhùnadh 'son Dihaoine.

Tha a h-uile coltas gur ann eadar 10:00f oidhche Ardaoin, agus 10:00m Dihaoine a bhitheas an gèile, ach bidh i aig fìor àirde eadar meadhan oidhche agus ceithir uairean sa mhadainn, le oiteagan aig 80 gu 90 mìle san uair ach feadhainn a' ruighinn 100 mìle san uair.

Thuirt buidheann dìon na h-àirainneachd, SEPA, gu bheil dùil aca gum bi stuadhan mòra a' toirt buaidh air cabhsairean is rathaidean a tha faisg air an fhairge.

Buaidh air seirbheisean

Tha dùil cuideachd ri tuiltean ann an cuid de sgìrean.

Chaidh seirbheisean bhus a chur dheth oidhche Ardaoin (8mh Faoileach) aig 8:45f eadar Baile a' Mhanaich agus Loch Baghasdail agus Baile a' Mhanaich agus Loch nam Madadh, agus cha bhith gin de bhusaichean a' ruith air feadh nan eilean eadar tràth madainn Dihaoine agus meadhan là.

Tha dùil cuideachd gur dòcha gum bi màill air cuid de sheirbheisean bhus feasgar Dihaoine cuideachd.

Dealain

Thathas ag iarraidh air luchd-siubhail bruidhinn ris na companaidhean bus, agus tha clàran-ama air làrach-lìn na Comhairle.

Chaidh na seirbheisean cùraim dachaigh atharrachadh cuideachd, 'son 's gum faigh luchd-obrach dhachaigh oidhche Ardaoin ro 10:00f.

Tha ionadan spòrs uile a' dùnadh oidhche Ardaoin aig 8:00f agus dùil gum bi iad dùinte fad an là Dihaoine, ach a-mhàin Ionad Spòrs Leòdhais a bhitheas a' fosgladh, tha iad an dòchas, aig 12:00f Dihaoine.

Tha a' chompanaidh dealain SSE air barrachd luchd-obrach a thoirt a-steach dhan sgìre 'son dèiligeadh ri duilgheadasan sam bith ma thèid an dealan dheth, agus tha iad ag iarraidh air daoine a tha a' call seirbheis, fònadh thuca air 0800 300 999.

Bidh Roinn nan Rathaidean aig a' Chomhairle, agus na Poilis, a' cumail sùil air cabhsairean, agus dh'iarr iad air daoine dad sam bith a dh'fhaodadh falbh leis a' ghaoith a cheangal, gu h-àraidh timcheall far a bheilear a' dèanamh obair-togail.

Dh'iarr a' Chomhairle air an t-sluagh taic a thoirt dha nàbaidhean - gu h-àraidh seann daoine agus daoine ciorramach.