Gaoth aig 113 m.s.u. ann an Steòrnabhagh

Craobh air a leagail Image copyright Rose Waugh
Image caption Tha mòran chraobhan air an leagail air feadh na dùthcha, gu leòr aca air rathaidean na Gàidhealtachd.

Tha stoirm mhòr tron oidhche air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air cùisean air feadh na dùthcha, leis suas ri 70,000 dachaigh às aonais chumhachd an dealain.

Chaidh rathaidean a dhùnadh, agus chaidh seirbheisean-trèana air feadh a' chuid mhòir den dùthaich a chur dheth, ged a tha cuid de sheirbheisean a' ruith eadar Glaschu agus Cille Mheàrnaig, agus air cearcall Fiobha.

Thug an stoirm buaidh cuideachd air drochaidean na dùthcha. Tha Drochaid Dhòrnaich agus Drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte uile gu lèir.

Tha Drochaid Cheasaig dùinte air an t-slighe a tuath, ri linn craobh a bhith a' tuiteam. Tha i fosgailte do chàraichean a' dol gu deas, ach dùinte do charbadan àrda.

An ìre as àirde

Tha Drochaid Fhoirthe, Drochaid Thatha, Drochaid Friarton ann am Peairt, Drochaid Earsgainn, agus Drochaid Chlach Mhanainn fosgailte do chàraichean, ach dùinte do charbadan àrda.

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd ag ràdh gur e an trioblaid as motha a th' ann air rathaidean na sgìre craobhan agus sprùillich a tha nan laighe thairis air na rathaidean, agus tha iad ag iarraidh air dràibhearan a bhith air am faiceall. Tha cuid de rathaidean dùinte ri linn sin.

Chaidh a' ghaoth a chlàradh aig 113 m.s.u. aig Port-adhair Steòrnabhaigh - sin an ìre as àirde bho thòisichear ga clàradh.

Bidh na sgoiltean air fad anns na h-Eileanan Siar dùinte fad a là Dihaoine, a thuilleadh air grunn sgoiltean eile air Tìr Mòr.

Tha cha-mhòr a h-uile seirbheis aiseig air a' chosta an iar air an cur dheth, no air an atharrachadh ri linn na sìde. Bu chòir fiosrachadh fhaighinn bho Làrach-lìn Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Tha cuideachd seirbheisean aiseig Argyll Ferries eadar Guraig agus Dùn Omhain dheth, agus tha troimhe-chèile mhòr air na seirbheisean aig Orkney Ferries.

Tha dùil gum bi i stoirmeil a' chiad ghreis den là, gu h-àraid aig tuath agus mun iar, ach socraichidh a' ghaoth, 's i na turadh ann an cuid mhòr na dùthcha, le corra fhras ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd 's ann an Roinn a' Mhonaidh. Fàsaidh i garbh a-rithist oidhche Haoine ge-tà, ach cha bhi i faisg cho làidir 's a bha i oidhche Ardaoin.