Murt Bhreacais sa chùirt

Nochdaidh boireannach a tha fo chasaid an co-cheangail ris a a' chiad mhurt san Eilean Sgitheanach ann an cuimhne dhaoine san Àrd-chùirt ann an Glaschu Diluain.

'S e seo a' chiad èisteachd a bhios aig Sandra Ealasaid Bruce,59, bho chaidh corp Thormoid Bruce a lorg ann an taigh ann am Breacais sa Ghearran an-uiridh.

Chaidh a leigeil ma sgaoil air urras an uair sin, agus chan eil i air tagradh sam bith a dhèanamh a thaobh na casaid a tha na h-aghaidh.