Còmhlain HebCelt gam foillseachadh

Fèis Cheilteach Innse Gall
Image caption Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh anns na mìosan a tha romhainn a thaobh cò eile a bhios a' cluiche.

Chaidh na ciad chòmhlain a bhios a' cluiche aig Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Steòrnabhagh am-bliadhna fhoillseachadh.

Bidh Afro Celt Sound System, an Treacherous Orchestra agus na h-Elephant Sessions am measg na bhios a' gabhail chun an àrd-ùrlair aig fèis na bliadhna seo - an fhicheadamh bliadhna den fhèis.

Tha Afro Celt Sound System air cluiche aig an fhèis roimhe, agus bha iad roimhe air a' gheàrr-liosta airson duaisean Grammy.

'S ann an Glaschu a tha Treacherous Orchestra stèidhichte, agus bha iad fhèin air a' gheàrr-liosta airson a' chòmhlain as fheàrr aig Duaisean Ceòl Dùthchail BBC Radio 2 a' bhòn-uiridh.

'S e còmhlan far na Gàidhealtachd a th' anns na h-Elephant Sessions, agus shoirbhich leothasan ann an duaisean na Trads aig MG ALBA an-uiridh.

Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh anns na mìosan a tha romhainn a thaobh cò eile a bhios a' cluiche.