Buidheann-ghnìomha 'son aiseig Steòrnabhaigh

MV Loch Seaforth Image copyright Handout
Image caption Bha dùil gun tòisicheadh an MV Loch Seaforth air an t-slighe an-uiridh.

Coimheadaidh buidheann-ghnìomha, fo stiùir Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, ri duilgheadasan ann a bhith a' leasachadh ghoireasan aiseig air slighe Steòrnabhaigh is Ulapuil.

Chaidh obair gus alt-aiseig ùr a chur an sàs aig Cala Ulapuil a chur air ais bhon Ghearran chun a' Ghiblein, ri linn maill ann a bhith a' leasachadh ghoireasan ann an Steòrnabhagh.

Tha na leasachaidhean a dhìth mus gabh am bàt-aiseig ùr, MV Loch Seaforth, a chosg £42m, a chur air an t-slighe.

Thuirt Mgr MacAoidh gun robh e a' tuigsinn an diomb a th' air coimhearsnachdan ri linn an dàil a th' air an obair.

Prìomhachas

Bha dùil gun gabhadh MV Loch Seaforth àite MV Isle of Lewis air an t-slighe an-uiridh.

Bidh Còmhdhail Alba, ùghdarrasan puirt, Caledonian maritime Assets, Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Comhairle nan Eilean Siar an sàs anns a' bhuidhinn-ghnìomha.

"Dh'iarr mi gun deadh a' bhuidheann-ghnìomha seo a chur air dòigh gus an gabh am maill a chur air ar cùlaibh, agus aire a chur a-rithist air a bhith a' toirt a' phròiseict seo gu buil, a chùm buanachd mhòir luchd-cleachdaidh an aiseig," thuirt Mgr MacAoidh.

"'S e a' chiad phrìomhachas a bhith a' cur crìche air an obair aig Cala Steòrnabhaigh cho luath 's a ghabhas.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' faicinn an MV Loch Seaforth ag obair air an t-slighe seo, a' toirt seirbheis nas fheàrr do luchd-cleachdaidh an aiseig."

Tha alt-aiseig Ulapuil 42 bhliadhna de dh'aois, agus thèid structar ùr a chur na àite, le dà lèana, a leigeas le carbadan tighinn far an aiseig, agus a dhol air bòrd nas luaithe.

Tha gun deach an obair sin a chur air ais chun a' Ghiblein, a' fàgail gun tèid an obair a dhèanamh aig àm nas trainge den t-seirbheis.

"Tha tòiseachadh an MV Loch Seaforth air an t-slighe seo gu tur a' crochadh air crìochnachadh nan leasachaidhean ann an Steòrnabhagh," thuirt Stiùiriche Chal Mac, Martin Dorchester.

"Ach, gus cothrom a thoirt do luchd-siubhail na tursan aca a dhealbhachadh cho mòr 's a ghabhas, tha dùil a-niste gun tòisich an dùnadh air 20mh an Giblean, 's nach mair e nas fhaide na còig seachdainnean.

"Fhad 's gun tèid gnothaichean eadar-amail a chur air dòigh bhon 20mh an Giblean, tha seo fhathast a' crochadh air an obair ann an Steòrnabhagh a bhith crìochnaichte."

Tha Cal Mac ag amas air clàr-ama eadar-dhealaichte a chur an sàs fhad 's a tha an obair ga dèanamh ann an Ulapul.

Bidh sin a' gabhail a-steach:

  • Suas ri dà sheòladh san là, gach taobh, eadar Steòrnabhagh agus Ùige san Eilean Sgitheanach do luchd-siubhail agus carbadan.
  • Aon sheòladh san là, gach taobh, eadar Steòrnabhagh agus Ùige airson bathair.
  • Dà sheòladh gach taobh eadar Steòrnabhagh agus Ùige do luchd-coise a-mhàin.
  • Seirbheis nas fheàrr a chur air slighe Ùige - An Tairbeart.