Droch shìde a' leantainn

MV Isle of Lewis
Image caption Cha sheòl MV Isle of Lewis idir Diluain, agus i ann an Ulapul.

Tha Scottish Hydro ag ràdh gu bheil pàirt mòr de dh'Ùig' ann an Leòdhas fhathast gun dealan, agus an droch shìde a' leantainn.

Tha iad air a' mhòr-chuid a cheangal ris an lìon-dealan a-rithist, ach tha na gèiltean a' cur bacadh orra.

Tha mu 4,000 dachaigh anns na h-Eileanan agus air a' Ghàidhealtachd gun an dealan.

Tha cuid ann an Ùig' ann a Leòdhas air a bhith gun dealan bho oidhche Ardaoin a chaidh, agus tha Ùig' gu lèir gun dealan madainn Diluain.

Sgoiltean Dùinte

Tha seo air sgàth thrioblaidean leis an loidhne a tha a' dol a dh'Ùig' tro Chalanais.

Tha pìosan de na Hearadh, gu h-àraid an loidhne a dh'Amhainsuidhe fhathast sìos, agus tha taighean ann an Lacasaigh agus Loch a' Ghainmhich gun dealan.

Tha Grimisiadair air na Lochan fhathast dheth cuideachd, cuid aca bho oidhche Ardaoin.

Tha Scottish Hydro ag iarraidh air luchd-cleachdaidh fòn a chur thuca air a loidhne èiginn, 0800 300 999, gu h-àraid ma tha dealan air a thighinn air mun cuairt orra agus iadsan fhathast dheth.

Tha sgoiltean nan Eilean Siar dùinte gu lèir ged a dh'fheumas tidsearan a dhol a dh'obair.

Bheir a' Chomhairle sùil air am bi e sàbhailte do bhusaichean tòiseachadh a-rithist aig meadhan là.

Ged a tha seirbheis na slàinte ag obrachadh mar is àbhaist cha bhi seirbheis còmhdhail nan euslainteach a' dol.

Tha aiseagan nan Eilean gu lèir dheth an-dràsta. Cha sheòl aiseag Steòrnabhaigh Diluain idir, agus tha i air a bhith an Ulapul bho Là na Sàbaid.

Bheir Cal Mac sùil air na h-aiseagan eile mar a thèid an là air adhart, agus mar sin bu chòir sùil a chumail air làrach-lìn Chal-Mac no fòn a chur thuca.

Tha seirbheisean èiginn air a bhith a' cumail sùil air seann daoine agus euslaintich tron deireadh-sheachdain, agus tha iad fhathast ag iarraidh air nàbaidhean dèanamh cinnteach gu bheil daoine a th' ann an suidheachadh cugalach ceart gu leòr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo