Sgoiltean dùinte air Ghàidhealtachd

Tha cuid de sgoiltean air Ghàidhealtachd dùinte Diluain, agus droch aimsir fhathast a' bualadh.

Tha a h-uile sgoil anns na h-Eileanan Siar dùinte do sgoilearan, ged a dh'fheumas tidsearan a dhol a-steach a dh'obair.

Anns an Eilean Sgitheanach, tha Bun-sgoil Stafainn agus Bun-sgoil Phort Rìgh dùinte, ri linn trioblaidean le a bhith gan teasachadh.

Air tìr mòr na Gàidhealtachd, tha Bun-sgoil Shrath Chonainn agus Bun-sgoil Mhalaig dùinte.

Tha Àrd-sgoil Ulapuil dùinte cuideachd, ged a tha bun-sgoil a' bhaile fosgailte.