Boireannach a' dol às àicheadh muirt

Chaidh boireanach a nochd anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diluain às àicheadh gun do mhurt i fireanach san Eilean Sgitheanach an-uiridh.

Tha Sandra Ealasaid Bruce neo Friseal, 60, fo chasaid gun do mhurt i Tormod Bruce, a bha 64, ann an taigh ann am Breacais, faisg air an Ath Leathann, sa Ghearran.

'S e a' chiad mhurt san Eilean Sgitheanach bho is cuimhne le daoine bho chionn ùine mhòir.

Tòisichidh a' chùis-lagha air 4mh an t-Ògmhios.