'Eil sibh ag aontachadh le Dàibhidh?

'Eil cuimhne agaibh air na deasbadan telebhisein ron taghadh ann an 2010?

Às dèidh bhliadhnaichean de deasbad, dh'aontaich ceannardan nan trì pàrtaidhean as motha ann am Breatainn - aig an àm - a dhol aghaidh ri aghaidh air beulaibh nan camarathan.

Thug iad buaidh mhòr air iomairt an taghaidh - chaidh an seann phatran de thachartasan làitheal agus coinneamhan naidheachd a-mach às an uinneig agus aire a h-uile duine, cha mhòr, air na deasbadan a-mhàin.

An turas sin, b' e "tha mi ag aontachadh le Nick" an abairt a bu trice a chluinneadh air bilean Dhàibhidh Chamshron agus Ghòrdain Brown.

Fhuair Mgr Clegg a' bhuannachd a bu mhotha às na deasbadan, ged nach deach air na Lib Deamaich suidheachain ùra fhaighinn mar thoradh air Cleggmania (nach fhada on uair sin).

Ach nan robh Dàibhidh ag aontachadh le Nick ann an 2010, 's ann air a thàinig an dà là.

Cothromach

Às dèidh dheasbadan 2010, thuirt Mgr Camshron gum bitheadh iad aig cridhe gach taghaidh bho sin a-mach.

Ach tha a h-uile coltas a-nis nach tachair deasbad telebhisein sam bith ro thaghadh na bliadhna seo.

Tha Àireamh a Deich ag ràdh nach biodh e cothromach nan robh UKIP an sàs anns na deasbadan gun an aon chothrom a thoirt don Phàrtaidh Uaine.

Ach tha Mgr Camshron air innse do charaidean gum biodh e dòigheil gu leòr mura robh deasbadan ann idir.

Tha am Pàrtaidh Uaine - agus an SNP - ag ràdh gu bheil Mgr Camshron ceart.

Ach tha fios gu bheil poileataigs air cùl seo.

Teagmhach

Air thoiseach air taghadh 2010 bha cùisean gu math eadar-dhealaichte.

Mar as trice, bidh prìomhairean teagmhach mu dheasbadan mar seo, air eagal 's gun tèid cliù nan dùbhlanach a thogail mar thoradh orra.

Ron taghadh mu dheireadh, cha robh tòrr aig Mgr Brown ri chall.

An a-nis, tha sgiopa Mhgr Chamshroin draghail nach dèanadh iad ach cothrom a thoirt do Mhgr Miliband bruidhinn dìreach ris an luchd-bhòtaidh agus bhòtaichean a thoirt air falbh bho na Tòraidhean agus an toirt gu Nigel Farage.

Tha Mgr Miliband air cur as leth a' phrìomhaire gun do ghabh e an t-eagal - ach 's e an t-amas aige an taghadh a bhuannachadh.

Is coltach gum bi againn uile ri a dhèanamh air an t-seann dòigh an turas-sa.