Sgoiltean fosgailte Di-màirt

Clann a' sgrìobhadh
Image caption Bha na sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar dùinte bho Dhiardaoin seo chaidh.

Leis na gèiltean air socrachadh, tha h-uile coltas gum bi sgoiltean agus sgoiltean-àraich nan Eilean Siar uile a' fosgladh Di-màirt, ach a' mhàin Sgoil Phaibeil, a bhitheas dùinte air sàilleabh thrioblaidean le uidheamachd teasachaidh.

Cha bhi Bun-Sgoil Chaol Àcainn fosgailte a bharrachd, leis gun deach sgrios a dhèanamh air an togalach anns an stoirm.

Thèid na sgoilearan sin gu Bun-Sgoil a' Chaoil.

Thathas an dùil gum bi na seirbheisean eile anns na h-eileanan, a bha troimhe-chèile ri linn na sìde, air ais dhan àbhaist Dimàirt cuideachd.

Bidh oifisean Chomhairle nan Eilean Siar anns na Hearradh dùinte ge-tà, 's iad a' feitheamh obair-càraidh air mullach an togalaich, leis gun deach a mhilleadh san stoirm, ach tha dùil gun tèid sin a' chàradh tron t-seachdain.

Thèid luchd-obrach na Comhairle a dh'obair ann an Sgoil Sir E. Scott, no gu Taigh na Hearadh.