Sgoiltean fosgailte di-màirt

children writing
Image caption Bha na sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar dùinte bho dhiardaoin sa chaidh.

Leis na gèiltean air socrachadh, chaidh a' mhòr-chuid do sgoiltean agus sgoiltean àraich nan Eilean Siar fhosgladh Di-màirt, ach a' mhàin Sgoil Phaibeal, a bhitheas dùinte air sailleamh trioblaidean le uidheamachd teasachaidh.

Cha bhith Bun Sgoil Chaol Àcain fosgailte a bharrachd, leis gun deach sgrios a dhèanamh air an togalach anns an stoirm, s thèid na sgoilearan sin gu Bun Sgoil a' Chaoil.

Tha Bun Sgoil agus Sgoil Àraich Phort Rìgh dùinte cuideachd air sgath's nach eil teas aca.

Tha grunn sgoiltean air a' Ghàidhealtachd dùinte cuideachd agus gheibhear am fiosrachadh air làrach lìnn na comhairle.

Thathas an dùil gum bi na seirbheisean eile anns na h-eileanan, a bha troimh a cheile ri linn na sìde, air ais dhan àbhaist am-màireach cuideachd.

Bidh oifisean Chomhairle nan Eilean siar anns na Hearradh dùinte ged tha, 's iad a' feitheamh obair-càraidh air a' mullach an togalaich, leis gun deach a' mhilleadh 'san stoirm, ach tha dùil gun tèid sin a' chàradh tron t-seachdain.

Thèid luchd-obrach na comhairle a dh'obair ann a Sgoil Sir E Scott, no gu Taigh na Hearradh.

Tha SSE ag ràdh gun deach dealain a thilleadh cha mhòr chun a h-uile duine a-nis a th'air a bhi as aonais ri linn na droch shide Dihaoine. Tha iad ag radh gu bheil mu dheich air fhichead duine feadh na duthcha fhathast as aonais, ach gu bheil iad an-dòchas a thilleadh dhan a h-uile duine a th'ann ro àm dìnnearach.