Co-chomhairleachadh a dhìth mu alt-aiseig

  • Air fhoillseachadh
Alt-aiseig
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh obair-leasachaidh air alt-aiseig ann an Ulapul a chur air ais chun a' Ghiblein.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum co-chomhairleachadh "mòr agus farsainn" a bhith ann mu sheirbheisean aiseig Leòdhais, fhad 's a tha obair-leasachaidh ga dèanamh air alt-aiseig Ulapuil.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach dàil a chur air an obair-leasachaidh 's gun tòisich e anns a' Ghiblean seach sa Ghearran mar a bha dùil.

Tha a' Chomhairle air mì-thoileachas mòr a nochdadh nach deach bruidhinn riutha ceart mu na bha san amharc nuair a thàinig e am bàrr nach gabhadh aiseag chàraichean a ruith eadar Steòrnabhagh 's Ulapul fhad 's a bhiodh an obair a' dol, 's iad ag ràdh nach deach co-chomhairleachadh ceart a chumail.

Thathas air fàilte a chur air buidhinn-ghnìomha mu shuidheachadh aiseig Steòrnabhaigh a choinnicheas sa Phàrlamaid nas fhaide dhen t-seachdain.

Misneachd

"Bha sinne a' cluinntinn bho thaobhan eile, agus cha robh sinne an dèidh guth a chluinntinn bhon Riaghaltas dè bha a' dol air adhart, thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Iain MacAoidh.

"Tha am ministear, Derek MacAoidh, tha e a' dol a chur air adhart na buidhne-gnìomha a tha seo, agus 's e fhèin a tha gu bhith sa chathair air sa chiad àite co-dhiù.

"Tha a' bhuidheann a tha seo a' dol a shealltainn ri Steòrnabhagh gu Ulapul a-mhàin.

"Agus tha sinn a' dol a bhruidhinn air na roghainnean airson nan clàran-ama, agus tha a' Chomhairle, agus Cal Mac, 's CMAL, 's Port Steòrnabhaigh 's Port Ulapuil gu bhith cruinn timcheall aig a' choinneimh a tha seo.

"Tha sinn a' dol a dhèanamh cinnteach gum bi iad air innse dhuinne, gum bi iad a' bruidhinn ris na coimhearsnachdan ann an seo, gum bi fios aig daoine dè tha a' tachairt," thuirt e.

Tha Cal Mac air dreach-chlàr-ama a chur a-mach airson seirbheis aiseig a tèid a chur an àite slighe Ulapuil fhad 's a tha an obair ga dèanamh, a bhios a' ruith eadar Steòrnabhagh agus Ùige san Eilean Sgitheanach.

"Feumaidh sin a thighinn chun na coinneimh a tha seo cuideachd, o chionn agus gum bi fios againn cinnteach.

"Chan eil mar a tha iad an dèidh atharrachadh na tìde freagarach air a h-uile duine, luchd-turais agus am poball. Feumaidh sinn sin a chur air am beulaibh, gus am bi am buaireadh cho beag 's a ghabhas," thuirt e.

Tha na h-uimhir de dhòchas aig Mgr MacAoidh às an t-suidheachadh ge-tà, agus e ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil ùidh aig a' mhinistear ùr anns a' chùis.

"Tha sinn a' faighinn misneachd bhon mhinistear a tha seo," thuirt e.

"Tha e a' gabhail ùidh, agus 's e ministear nan Eilean a th' ann cuideachd. Agus tha sinne uabhasach taingeil gu bheil e a' gabhail ùidh, 's gu bheil fios aige cò air a tha e a' bruidhinn.

"Ron a seo, bha e mar gun robh sinn a' bruidhinn ri oifisean.

"Ach tha esan an dèidh a bhith an Steòrnabhagh, mura h-eil dà thuras. Bha mi fhèin a' bruidhinn ris.

"Tha e a' gabhail ùidh anns a' chùis, agus tha mise a' smaoineachadh gum faigh sinn air adhart leis na tha a' dol a thachairt.

"Tha dàil anns an obair a tha iad a' dèanamh an Ulapul, agus ann an Steòrnabhagh, 's e sin a tha a' cur a' chùis mar a tha, so feumaidh sinn bruidhinn ris na daoine sin a tha an sàs ann," thuirt e.