Ìre èiginn deirg aig an Ràthaig Mhòr

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Tha aithisg ùr air moladh a dhèanamh air mar a tha an t-ospadal air leasachaidhean a chur an gnìomh.

Thàinig air Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis obair-lannsa a chur dheth ri linn 's gu bheil gainnead leapannan ann.

Chaidh an t-ospadal, am fear as motha sa cheann a tuath, a chur air ìre èiginn deirg ri linn.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach 21 obair-lannsa a chur dheth Dimàirt. Chaidh naoi a chur dheth Diluain.

Thuirt a' bhuidheann gun robh iad ag obair gus stad a chur air an t-suidheachadh bho a bhith a' dol am miosad.

Tha dùil gun tig lùghdachadh air an ìre èiginn ro Dhiardaoin.

"Tha sinn an dùil ri barrachd euslainteach a bhith a' tighinn a-steach na tha a' fàgail," thuirt Linda Kirkland bho NHS na Gàidhealtachd.

"Tha dùil againn gum mair an suidheachadh Diciadain, ach gum bi e seachad ro Dhiardaoin."

Chaidh ìre èiginn deirg a ghairm aig Ospadal an Ràthaig Mhòir trì tursan sa bhliadhna a chaidh seachad.

Ach thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh barrachd euslainteach an sàs an turas seo na bha roimhe.

Tha an suidheachadh a' tighinn agus aithisg air a foillseachadh a tha a' moladh leasachaidhean a chaidh a chur an gnìomh, agus glainnead uardan agus uidheamachd aig an ospadal.

Thuirt Buidheann-sgrùdaidh Àrainneachd a' Chùraim-shlàinte gun robh Bòrd na Slàinte air aghaidh a thoirt air na puingean a chaidh a thogail an turas mu dheireadh, ach a-mhàin a thaobh bhabhstairean.