Companaidh chumhachd Eileanach air fàire

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thathas a' meas gu bheil Eileanaich a' pàigheadh 2sg gach aonad a bharrachd air na bu chòir.

Tha Comhairle nan Eilean Siar an dùil companaidh chumhachd a stèidheachadh a dh'fhaodadh, aig a' cheann thall, dealan a reic ris a' choimhearsneachad aig prìs nas saoire.

Dh'fhoillsich a' Chomhairle gu bheil iad air luchd-comhairleachaidh fhastadh airson an cuideachadh le a bhith a' steidheachadh na companaidh.

Tha iad cuideachd air a bhith a' còmhradh ri companaidhean chumhachd a th' air ùidh a nochdadh ann a bhith ag obair ann an co-bhann leis a' chompanaidh ùir.

"Ma thèid plana-gnìomha a chruthachadh a bhios a' dèanamh ciall, agus a bhios cothromach, tha e a' ciallachadh gum bi e comasach dhan chompanaidh a tha seo a bhith ag obair ann an co-bhanntachd ri companaidhean a tha mar thà a' reic chumhachd, agus gum bi e comasach tarif coimhearsnachd fhaighinn a bhios nas saoire na tha iad a' pàigheadh an-dràsta airson an dealain," thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Lùghdachadh

"Tha beagan obair ri dhèanamh fhathast mus ruig sinn an ceann-ùidhe sin.

"Tha sinn a' meas an-dràsta gu bheil sinn a' pàigheadh 2sg gach aonad a bharrachd air na bu chòir dhuinn a bhith a' pàigheadh, agus 's dòcha gum faic sinn lùghdachadh a bharrachd air sin.

"Ach tha e duilich a ràdh aig an ìre seo, agus chan urrainn dhuinn càil a dhearbhadh aig an ìre seo gus an tèid coimhead ris ceart.

"Ach anns an àm a tha ri teachd, ma 's e 's gun tèid cumhachd a chruthachadh anns na h-Eileanan fhèin, bidh sin a' ciallachadh gun urrainn dhan chompanaidh a tha seo a bhith a' reic a' chumhachd a tha sin cuideachd ris a' choimhearsnachd - agus bhiodh sinn a' coimhead ri lùghdachadh nas motha an uair sin, ma 's e 's gun tig na planaichean a th' againn airson tuathan-gaoithe mòra a bhith againn anns na h-Eileanan.

"Tha sinn airson a' chompanaidh a stèidheachadh ann am beagan sheachdainnean, ach bheir e tòrr a bharrachd gum faigh sinn air plana-gnìomha cothromach a chur ri chèile.

"Agus tha sinn airson toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh air seo, bhon tha sinn a' meas gu bheil sinn mar Eileanaich a' pàigheadh tuilleadh 's an còrr airson dealain agus airson chumhachd anns na h-Eileanan o chionn iomadach bliadhna, agus tha sinn airson sin a dhèanamh cho luath 's a ghabhas e dèanamh," thuirt e.