Ceithir bun-sgoiltean gus dùnadh

Ghabh Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain, mar a bha dùil, ri dùnadh ceithir bun-sgoiltean san Eilean Sgitheanach, ann an Dùn Bheagain, san Aodann Bhàn, sa Chnoc Bhreac, agus anns an t-Sruthan.

Tha a' Chomhairle am beachd aon sgoil ùr a thogail nan àite ann an Dùn Bheagain.

Ach ghabh a' chomataidh ri moladh bhon cheathrar chomhairlichean Sgitheanach gum bu chòir rannsachadh a dhèanamh air àireamh sgoilearan agus sgìrean sgoile na cearnaidh sin den eilean.

Dhiùlt iad iarrtas an Aodainn Bhàin, a tha airson gun gabh a' choimhearsnachd smachd air togalach na sgoile fhad 's a bhiodh a' Chomhairle a' cumail seirbheis foghlaim rithe.

Thèid a' chùis a-niste dhan Làn-Chomhairle anns a' Mhàrt.