Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Charlie Hebdo

Thuirt al-Qaeda ann an Iemen an-diugh gur iad a bh' air cùlaibh na ceannairc aig oifisean na h-iris Charlie Hebdo ann am Paras an t-seachdain seo chaidh. Thuirt al-Qaeda gur e dìoghaltas a bh' ann airson cartùin a tha am pàipear-naidheachd a' foillseachadh den Fhàidh Mohammed. Tha iris na seachdain seo aig Charlie Hebdo, anns na bùthainnean an-diugh, le cartùn eile den Fhàidh Mohammed air an duilleig aghaidh.

Buaidh na droch shìde

Tha sneachda a' fàgail chùisean doirbh do luchd-siubhail air feadh Alba. Tha rathaidean air talamh àrd gu math doirbh, 's tha mòran thèanaichean nach eil, agus nach bi a' ruith an còrr den là. Chan eil seirbheisean aig Scotrail air loidhne taobh siar na Gàidhealtachd eadar Glaschu is Malaig, an Gearasdan agus an t-Òban. Chan eil seirbheis nas motha eadar Inbhir Nis agus an Caol, agus tha maill air seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Peairt. Tha sgoiltean dùinte air feadh Alba. Tha cha-mhòr 100 sgoil air Ghàidhealtachd dùinte, a' toirt buaidh air còrr is 8,500 sgoilear. Thuirt a' chompanaidh dealain SSE gu bheil iad an dòchas an t-seirbheis a thilleadh gu còrr is 1,000 dachaigh ann an Sealtainn ro àm dinnearach. Chaill iad sin an dealan aig 01:00m an-diugh. Tha atharrachadh cuideachd air na seirbheisean-aiseig le dùil ri tuilleadh droch shìde feasgar. Chaidh an seòladh eadar Ùige is Loch nam Madadh aig 5:45f a-nochd a thoirt air adhart gu 2:15f. Chaidh an t-seirbheis eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail feasgar an-diugh a chur dheth, agus tha rabhadh mu choinneimh mòran de na seirbheisean-aiseig eile.

Deasbadan Telebhisein

Chuir na ceannardan Làbarach, Lib-Deamach, agus aig UKIP, Ed Miliband, Nick Clegg agus Nigel Farage, litrichean gu Daibhidh Camshron ag ràdh gu bheil e ceàrr dha a bhith a' diùltadh pàirt a ghabhail ann an deasbadan air an telebhisean ron taghadh choitcheann. Tha Sràid Downing ag ràdh nach gabh am Prìomhaire pàirt annta mura tèid fiachadh gu deasbad dhan Phàrtaidh Uaine. Tha na Làbaraich ag ràdh nach fhaod Mgr Camshron a bhith a' cur a dhreach fhèin air na deasbadan.

Prìsean Chumhachd

Tha na Làbaraich ag iarraidh air Buill-Phàrlamaid taic a chur ri moladh ann an Taigh nan Cumantan a tha ag iarraidh air an Riaghaltas cead a thoirt do riaghladair a' chumhachd, Ofgem, toirt air companaidhean prìsean a ghearradh nuair a thuiteas a' phrìs a tha iadsan a' pàigheadh anns a' chiad àite. Agus tha Comhairle nan Eilean Siar a' coimhead air companaidh a stèidheachadh a bhiodh a' reic dealain nas saoire anns na h-Eileanan. Tha an t-ùghdarras ionadail air luchd-comhairleachaidh fhastadh, agus tha iad a' bruidhinn ri companaidhean chumhachd aig a bheil ùidh ann an co-obrachadh ris a' chompanaidh ùir.