Milleadh air 600 HHP taigh às dèidh nan stoirmean
- Published
Dhearbh Buidheann Taigheadais Innse Gall(HHP), gun deach milleadh a dhèanamh air còrr is 600 dhe na taighean aca.
Chaidh an sgrios a dhèanamh às dèidh stoirmean oidhche Ardaoin 'sa chaidh.
Leis gun tàinig piseach air an t-sìde ann an Leòdhas agus sna Hearradh Dimàirt agus Diciadain bha cothrom air luchd-obrach tòiseach tòiseachaidh a dhèanamh air obair-càraidh air na taighean a chaidh a mhilleadh gu dona 's tha iadsan a-nis dìonach.
Chan eil an t-sìde air a bhith cho math an Uibhist agus tha sin air bacadh a chur air HHP a bhith faighinn timcheall gach taigh far an robh milleadh, ach tha iad dòchasach gum bi iadsan dìonach ro dheireadh an latha Dihaoine.
Obar-càraidh
Thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh a h-uile oidhirp son an obair-càraidh a dhèanamh cho luath 'sa ghabhas.
Bidh buidhnean de luchd-obrach a' tadhail air diofar sgìrean fa-leth, agus a' càradh gach taigh san sgìre mus gluais iad a dh'àiteigin eile.
Tha iad air sgrìobhadh gu gach neach a chuir fios thuca mu dhamaist son innse dhaibh na bhitheas a' tachairt.
Thuirt a' bhuidheann gun robh iad taingeal do daoine son a bhith foighidneach agus tuigseach, aig àm nuair a bha iad a' dèiligeadh ri stoirm cho dona 'sa chunnacas son iomadach bliadhna anns na h-eileanan.