Rabhadh mu chompanaidhean togail 's na h-eileanan

  • Air fhoillseachadh
building site
Fo-thiotal an deilbh,
Tha ceist ann mu chompanaidhean dol timchuil na dorsan a' tabhain obair-càraidh.

Tha Ofigearan Malairt nan Eilean Siar agus na Poils air rabhadh a thoirt do dhaoine a bhith faiceallach is companaidhean a' dol timcheall na dorsan a' tabhain obair-càraidh as deidh an stoirm air an deireadh sheachdain 'sa chaidh.

Tha na ùghdarrasan ag radh gu bheil cuid air a bhith ag innse do dhaoine gur e Comhairle nan Eilean Siar a dh'iarr orra an obair a dhèanamh - ach chan eil seo fìor.

Ann an cuid de bhailtean anns na h-Eileanan an Iar, tha cha mhòr a h-uile dàrna dachaigh feumach air obair càraidh air choireigin as deidh na geiltean mòra a bh'ann an t-seachdain sa chaidh.

Gearain

Thug iad buaidh gu h-àraidh air mullach thaighean dhaoine.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun d'fhuair iad fios gu bheil companaidhean - a mhòr chuid dhiubh bho thir mòr - air a bhith dol timcheall nan dorsan, ag innse do dhaoine gur e a' Chomhairle a dh' iarr orra tadhal - airson taighean dhaoine a chàradh.

Ach tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil gnothaich sam bith acasan, no aig gin dha na buidhnean leis am bi iad ag obair, ri na companaidhean seo.

Poilis

Thuirt iad gu bheil iad air sreath de ghearainnean fhaighinn mu chompanaidhean a dol timcheall na dorsan a' feuchainn ri obair-càraidh a thabhainn agus gur e an rud as fhear a nì daoine 'se an obair a dhìulltadh, seach gu bheil trioblaidean ann leis an ìre aig an tèid an obair a dhèanamh gu math tric.

Thuirt Poilis na h-Alba gum faod daoine dearbhadh iarraidh air duine sam bith a nochdas aig an doras aca - son sealltainn gur e dha-rìreabh companaidh oifigeil a th' annta agus ma tha dragh sam bith aig duine mu dhaoine dha leithid, bu chòir dhaibh fòn a chur gu na poilis air 101.