Buaidh na droch-shìde a' leantainn

Làraidhean air an A9 an Siorrachd Pheairt
Image caption Chaidh cobhair a dhèanamh air dràibhearan tuath air Baile Chloichridh air an A9.

Tha droch shìde a' dèanamh tàire air feadh na dùthcha Diardaoin a-rithist.

Tha maill mhòr air an A9 agus chan eil trèanaichean a' ruith idir air a' phrìomh loidhne eadar Inbhir Nis agus meadhan na dùthcha.

Tha tuiltean ann an cuid de sgìrean, agus chaidh trèana a bhualadh le maoim-slèibhe ann an siorrachd Pheairt oidhche Chiadain.

Mu 11:30f bhuail an trèana a bha a' siubhail eadar Obar Dheathain agus Glaschu maoim-slèibhe faisg air Dunning ann an Siorrachd Pheairt.

Milleadh

Chaidh 20-30 neach-siubhail a ghluasad far an trèana gu seirbheis eile. Cha deach duine a ghoirteachadh.

Air na rathaidean tha sneachda agus deigh a toirt buaidh air sgrìob fhada dhen A9.

Is coltach gu bheil an sneachda sia oirlich de thiughad ann an cuid de dh'àitichean.

Tha cuid de charbadan glacte san t-sneachda agus tha loidhnichean fada de charbadan a' feitheamh an rathad a chleachdadh.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dràibhearan a bha glacte air an A9 tuath air Baile Chloichridh, an dèidh do dh'uisge, sneachda agus deigh an rathad fhàgail cunnartach.

Tha tuiltean air buaidh a thoirt air pàirtean de mheadhan na h-Alba. Mhill na tuiltean togalaichean ann an sgìre Uachdair Àrdair de shiorrachd Pheairt.

Fhuair cuid de dhaoine pocannan gainmhich airson an dachannan a dhìon oidhche Chiadain.

Sgoiltean Dùinte

Air a' Ghàidhealtachd tha grunn sgoiltean dùinte Diardaoin:

Àrd-sgoil, bun-sgoil agus sgoil-àraich Chinn a' Ghiùthsaich.

Bun-sgoil 's sgoil-àraich Bhaile Ùr an t-Slèibh.

Bun Sgoil Obasdail.

Bun sgoil agus sgoil-àraich Shrath Chonainn.

Bun-sgoil agus sgoil-àraich Gharbhghaisg faisg air Lagan ann am Bàideanach.

Bun-sgoil Bhatain ann an Gallaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo