Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

BP

Tha BP a' gearradh mu 300 cosnadh ann an gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath. Bidh 200 dhiubh sin am measg luchd-obrach BP fhèin, agus mu 100 eile am measg luchd-obrach dha bheil BP a' toirt obair air cùmhnant. 'S ann air tìr a bhios an call-cosnaidh as motha. Thuirt Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, leis mar a tha prìs na h-ola a' sìor-thuiteam, gum feum Riaghaltas Westminster a' chìs a bharrachd a tha iad a' cur air companaidhean ola mar BP a ghearradh.

Droch Aimsir

Chuir sneachda, reothadh, geile agus tuiltean maill air luchd-siubhail anns a' mhadainn an-diugh, agus bheir e ùine fhathast mus till cuid de na seirbheisean. Tha an A9 fosgailte a-rithist an dèidh a bhith dùinte le sneachda is reothadh eadar Dail Chuinidh agus Blàr Athaill. Bhuail trèana ann am maoim-slèibhe ann am Peairt an-raoir ach cha deach duine a ghoirteachadh. Tha a' ghaoth a' toirt buaidh air drochaidean agus seirbeisean-aiseig, agus tha maill air trèanaichean eadar Sràid na Bànrighinn ann an Glaschu, agus an Gearasdan, Malaig 's an t-Òban; eadar Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann, agus eadar Inbhir Nis agus an Caol.

Sgeama Peinseinn

Thuirt a' bhuidheann tasgaidh National Savings and Investments gun do thuit an làrach-lìn aca airson ùine an-diugh le iarrtas mòr bho dhaoine a tha nas sine na 65 agus a tha ag iarraidh brath a ghabhail air sgeama urras peinseinn ùr an Riaghaltais. Tha am poileasaidh tasgaidh ùr, a chaidh air a' mhargaidh an-diugh, a' gealltainn fàs suas gu 4%, gu math nas motha na tha companaidhean eile a' gealltainn.

MV Loch Seaforth

Tha a' bhuidheann-obrach a tha ag amas air bàt-aiseig ùr Leòdhais a chur an sàs cho luath 's a ghabhas a' coinneachadh airson a' chiad uair feasgar an-diugh aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha maill air an obair aig Cidhe Steòrnabhaigh agus aig Cidhe Ulapuil, a bharrachd air dàil leis an MV Loch Seaforth fhèin, a' ciallachadh gum faodadh am bàta ùr a bhith faisg air bliadhna air dheireadh a' tòiseachadh air an t-seirbheis eadar Leòdhas agus Tìr Mòr.

Seusan a' Bhradain

Tha seusan a' bhradain a' fosgladh gu h-oifigeil air Abhainn Tatha an-diugh, agus dragh ann mu stoc an èisg fhiadhaich. Bha àireamhan na bliadhna an-uiridh cho ìosal 's a tha iad air a bhith bho chionn còrr is 60 bliadhna. Tha iasgairean ag amas air stoc a bhrosnachadh iad fhèin, le a bhith gu saor-thoileach a' tilleadh an èisg an dèidh a ghlacadh. Ach tha lagh ùr am-bliadhna a' cur stad orra cuideachd bho a bhith a' cumail a' bhradain a thèid a ghlacadh ron Ghiblean.